Rugadh Dòmhnall MacPhilip ann am Beà rnaraigh na Hearadh san Fhaoilleach 1926, sia seachdainean an dèidh bàs athair. B' i a mhà thair, Peigi Anna NicLeòid NicPhilip, an dà rna bean a bh' aig athar.
Bha iad an toiseach a' fuireach an taigh a sheanair ach, nuair a bha Dòmhnall mu cheithir bliadhna a dh'aois, chaidh e fhèin, a mhà thair, a leth-phiuthar agus a bhrà thair a bha còig, a dh'fhuireach a thaigh beag tughaidh air Rubha nam Bodach an ceann a deas an eilein. Bha a mhà thair air an taigh seo fhaighinn bho bhodach, Coinneach Mac Gille Mhoire, agus bha e ceangailte ri taigh Choinnich. Bha leth-bhrà thair eile aige, Dòmhnall Ailig a bha mu ochd-deug aig an à m agus a chaidh a Chanada goirid an dèidh seo.
Chaidh Dòmhnall dhan sgoil am Beà rnaraigh, a' coiseachd trì mìle innte agus trì mìle dhachaigh. Fhuair e cead an sgoil fhà gail aig aois ceithir-deug gu leth, chionns gun deach e innte 's e na b' òige nan aois laghail.
Nuair a dh'fhà g Dòmhnall an sgoil thug e seachd mìosan ann an 1941 ag obair aig triùir bhrà ithrean, Dòmhnallaich às Na Hearadh, a bha nan cìobairean air Eilean Phabaigh.
An dèidh sin chaidh e a dh'fhuireach còmhla ri a bhrà thair Tormod a bha air obair fhaighinn an Gleann Comhann. Fhuair Dòmhnall obair ann an Ceann Loch Mòr ach cha b' fhada gus an deach a thogail dhan chogadh agus do Chabhlach an Rìgh. A dh'aindeoin seirbheis a thug e air na h-Atlantic Convoys, thà inig e sà bhailte à s.
Bha Dòmhnall ann an obraichean eadar-dhealaichte an dèidh a' chogaidh. Thug e 25 bliadhna na mhaor-sìth an Glaschu agus thug e greis aig Oifis nan Cìsean. Bha e aig obair na h-ola ann an Àird nan Saor agus bha e ag obair ann am banca an Inbhir Nis.
"Nuair a thòisich mi fhèin air sgrìobhadh, 's ann à Bhatarnais a bha a' bhean agam agus bha ùidh aice as a' Ghà idhlig. Agus nuair a chaidh sinn an turas a bha seo suas gu Bhatarnais bha i a' rà dh rium "A Dhòmhnaill," ars ise, "nan tigeadh na seann bhà ird air ais!"
Ars ise, "Mar tha an t-à ite air falbh, na taighean air a' reic, daoine Gallda, 's chan fhaic thu duine a' treabhadh 's chan fhaic thu duine ag iasgach ann an geòlaidh. 'S tha an t-à ite eadar-dhealaichte."
"Chì mi daoine a' treabhadh." arsa mise.
"Chan fhaic thu each is cairt, is eich is crann, tòrr de rudan mar sin."
"Och," arsa mise rithe, "Sgrìobhainn fhèin òran dhut!"
"Och, tha e sgrìobhte agad a-nise!" ars ise, "Chan eil bà rd an-diugh ann a' Bhatarnais ann."
"Och," arsa mise, "tha mi smaoineachadh gun deigheadh agam air piullachan beag de dh'òran a sgrìobhadh dhut. Agus chuirinn fonn cuideachd air."
"O," ars ise, "Tha e sgrìobhte agad a nise, a Dhòmhnaill!"
Thachair gu robh am Âé¶¹Éç ag iarraidh òrain ùra agus co-dhiù sgrìobh mi a' fear seo Coill an Fhà saich dhi, agus chuir mi fonn air, agus chuir mi air teap e agus chluich mi dhi e. Agus thòisich i air gà ireachdaich agus "Cha d' thusa," ars ise, "a sgrìobh riamh sin!"
"Faighneachd dha do bhrà thair. Tha e eòlach air òrain Bhatarnais an Eilein Sgitheanaich."
'S chluich i air a' fòn dha brà thair e agus "O tha mi smaoineachadh," ars esan, "gur e Iain Fearghasdan no fear dhiubh sin a sgrìobh an t-òran sin."
"Bha mi smaoineachadh sin!" ars ise.
"Co-dhiù" arsa mise rithe, "tha mi dol ga chuir a-staigh airson na deuchainnean tha seo airson òrain ùra. Tha mi dol a chuir an fhear seo a-staigh."
Agus dh'fhàs an t-aodann aice cho dearg. "O chan fhaod thu sin a dhèanamh!" ars ise.
"Och, glè mhath" arsa mise.
Agus sgrìobh mi gun fhiosda dhi fear... bha a' nighean bheag a bh' agam, bha i an uair sin trì no ceithir. Sgrìobh mi fear dhith-se cuideachd, fhios agad, gus nach biodh i a' faireachdainn gu robh i air a fà gail a-mach à cùisean. Sgrìobh mi e, 'Mo Nighean Bheag Bhà n', agus mar a thachair bha an dà òran as na deuchainnean mu dheireadh aig a' BhBC. Sin mar a sgrìobh mi Coill an Fhà saich.
Agus 's iomadh bogsa chocolates a fhuair a' bhean agam air sgà th an òrain sin agus 's iomadh drama mhòr a fhuair mi fhèin cuideachd. Chòrd e uabhasach ri na Sgitheanaich chionn bha daoine mar gum biodh iad air sguir a sgrìobhadh òrain Ghà idhlig."
Choisinn an t-òran cuideachd am prìomh dhuais aig an Fhèis Pan-Cheilteach ann an Èirinn ann an 1975.
Chaochail Flòraidh na meadhan aois agus rinn Dòmhnall cumha bòidheach, 'Ròsan', dhi:
Sheall mi le truas air a tuar 's a coltas
Is mhothaich i 'n crà dh a bha na mo shùil,
Ach 's e thuirt i rium, "Tha na ròsan maiseach
A' call an lainnir ann an dubhar a' chùil.
"'S nuair sheargas am blà th, tog an-à ird iad uile
'S cur iad an à it' far am faic iad a' ghrian,
'S chì thu san t-samhradh greann am maise –
A ghaoil chan fhaic mis iad, 's mi 'n impis bhith triall."
Phòs Dòmhnall, airson an dà rna uair, Catrìona NicColla à Baile Chaolais. Bha e air a bhith eòlach oirre ron chogadh agus bha an dithis aca nam banntraichean.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.