Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacPhilip agus air a sheinn le: Fionnlagh MacNèill, Mairead Hulse agus Mà iri NicAonghais.
This is a song written by: Dòmhnall MacPhilip and sung by: Fionnlagh MacNèill, Mairead Hulse and Mà iri NicAonghais.
Ri taobh Coille an Fhà saich feasgar à ghmhor leam fhìn,
Bha na h-eòin air na crannaibh 's iad ri caithream gu binn;
Gu robh sìth air an Eilean fad mo shealladh mun cuairt,
'S bha mo smuaint air mo chà irdean a bha tà mh leam ann uair.
O nach prìseil leam Hà llain sìos gu bà gh na h-Àird Mhòir;
Air a thrà igh bha sinn daonnan cheart cho aotrom ri eòin,
Ach a-nis chan eil mà nran, fealla-dhà ann no spòrs,
'S far do chluich sinn air leacan an-diugh caidlidh na ròin.
Sìos a deas air an à irde chì mi sgà ile de sgleò,
Mar brèid geal air sgaoileadh air bùird aosta MhicLeòid;
'S e na neòil bhith gun ghruaimean a dh'fhà g suain air gach à it',
'S chì mi faileas nam bruachan an ceann shuas Loch a' Bhà igh.
Chì mi cuimhneachan sgrìobhte air an linn nach eil beò
Anns gach tobht' agus gà rradh, gach cà rn agus crò,
Anns gach à irigh th' air monadh agus cairidh th' air trà igh,
Nach gabh leughadh le coigreach mun a' chuideachd a dh'fhà g.
Chan eil feum dhomh bhith 'g ionndrainn luchd mo rùin as an uair;
Mar a bha iad, tha sinne, tacan goirid air chuairt;
Ach nach sona mar bha iad rè an là ithean gun ghò,
Air bheag chùraim no èislein ann an Eilean a' Cheò.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha iomradh air beatha agus bà rdachd agus òrain Dhòmhnaill Mhic 'Ilip anns an leabhar Coille an Fhà saich a dheasaich Anna Latharna NicGillìosa. Chaidh fhoillseachadh le µþ°ùì²µ³ó ann an Dunlop, Siorrachd Àir ann an 2008.

Rugadh Mà iri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Mà iri NicAonghais / Learn more about Mà iri NicAonghais
'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bà taichean a bha a' ...
Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill
Rugadh Mairead Hulse air an t-siathamh là tha den Damhair, 1934, ann an Stèornabhagh. 'S ann à Tolastadh bho Thuath a bha a mà thair, Mairead Iain ...
Fiosrachadh air Mairead Hulse / Learn more about Mairead HulseCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.