Rugadh Ealasaid Jane Ros air 17 Sultain, 1789. Bha a h-athair, Tòmas, a bhuineadh don Ghearastan, anns an arm agus b' e nighean le MacLeòid Ratharsair a bha ann an Iseabail Rose, a mà thair. Bha piuthar na b' òige aig Ealasaid, a bha air a h-ainmeachadh Iseabail Rose às dèidh a mà thair.
Chaidh Tòmas a dhroch leòn anns na h-Innseachan agus b' ann an dèidh dha bà sachadh a rugadh piuthar Ealasaid. Chan eil fios dè a thachair do am mà thair ach thill an dithis nighean bheag air ais às na h-Innseachan nan dìlleachdain.
Ann an 1805, ghabh brà thair am mà thar, Seumas MacLeòid, Triath Ratharsair agus a bhean, Flòraidh, an cùram. Bha ùidh mhòr aig Seumas ann an ceòl agus b' e deagh fhìdhleir a bh' ann fhèin. Chaidh Ealasaid a chuir do Sgoil Mary Erskine ann an Dùn Èideann far an d' fhuair i, a rèir coltais, deagh ionnsachadh ann an cèol.
Thòisich i a' cruinneachadh fuinn agus òrain agus tha e coltach gum biodh i a' cluich ceòl mòr na pìoba air a' phià na, ceòl a bha i a' toirt sìos bho Iain MacRuaraidh, Caoidheach, a bha na phìobaire aig teaghlach Mhic Gille Chaluim. Chluicheadh i a' chlà rsach cuideachd.
Tha an là mh-sgrìobhainn aice, leis na fuinn a chruinnich i ach gun fhacail, ann an Sgoil Eòlais na h-Alba agus tha an sgoilear-ciùil Peter Cook ga dheasachadh airson fhoillseachadh aig an à m seo.
Ann an 1814, thill an dà phiuthar do na h-Innseachan, ma dh'fhaoidte ach am faigheadh iad cèile, agus cha b' fhada gus na phòs an dithis aca. Phòs Iseabail an toiseach, agus phòs Ealasaid Sir Teà rlach D'Oyly ann an 1815. B' i an dà rna bean aige agus bha e mu 18 bliadhna na bu shine na i. Cha robh teaghlach aca ach tha h-uile coltas gu robh iad sona còmhla fad iomadh bliadhna.
Bha Sir Teà rlach na dhealbhadair ealanta agus na bhà rdm agus bha an dachaigh aca ann am Patna na à ite-cruinneachaidh do luchd-ealain Eòrpach anns na h-Innseachan.
Nuair a leig Sir Teà rlach dheth a dhreuchd thill iad dhan Roinn Eòrpa, a' fuireach an toiseach ann a' Sasainn agus an uair sin greis faisg air Livorno as an Eadailt. Nuair a chaochail a cèile ann an 1845, thill Ealasaid a Shasainn, a dh'fhuireach ann an Steepleton House ann am Preston, Dorset.
Tha ceithir de na h-òrain Ghà idhlig a sgrìobh i rin lorg anns an leabhar, An t-Òranaiche aig Mac na Ceà rdaich. Chaidh leabhar beag leatha fhèin, le 10 òrain ann, fhoillseachadh an Glaschu ann an 1875.
A' bruidhinn mu na h-òrain aice air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal, thuirt an sgoilear Gà idhlig, an t-Ollamh Iain MacAonghais:
"Ged tha cuid de luchd-sgrùdaidh bà rdachd Ghà idhlig an-diugh a' meas nach eil mòran brìgh as na h-òrain aice, duine sam bith aig a bheil spèis agus diù dhan t-seann seòrsa bà rdachd, chanadh iad gu bheil rud anabarrach grinn, saoilidh mise, as na h-òrain aig Lady D'Oyly."
Chaochail Ealasaid Ros, A' Bhaintighearna D'Oyly, ann an Sasainn air 1 Ã’gmhios, 1875, aig aois 86.
Tha sinn an comain Meg Bateman agus Peter Cooke airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.