Òran air a sgrìobhadh le: Ealasaid Ros (A' Bhaintighearna D'Oyly) agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig phort rìgh agus Sineag Nic an t-Saoir.
This is a song written by: Ealasaid Ros (A' Bhaintighearna D'Oyly) and sung by: còisir ghà idhlig phort rìgh and Sineag Nic an t-Saoir.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Thà inig an gille dubh raoir don bhaile seo;
'S trom mo cheum on thrèig mo leannan mi;
Thà inig an gille dubh raoir don bhaile seo.
Is mis' tha gu tinn le goirteas mo chinn;
'S ged rachadh mi an chill, cha till mo leannan rium.
M' ulaidh 's mo ghrà dh fear dubh agus bà n;
Chan innis mi chà ch gu brà th do ghealladh dhomh.
Is iomadh bean òg, le sìoda agus sròl,
A chunntadh le deòin, mu chrò, crodh-bainne dhut.
Is guirme do shùil nan dearcag fon driùchd;
'S gur finealt do ghnùis na ùr-ròs mheanganan.
Sealgair a' gheòidh 's an lach air an lòn;
'S nam biodh i nad chòir gun leòinte a' mhaigheach leat.
Stiùirich a' chuain, air bharraibh nan stuadh,
Ri latha fliuch, fuar, mo luaidh de fhearaibh thu!
Mo bheannachd ad dhèidh, ma dh'fhà g thu mi fhìn;
Ach guidheamaid cèile beusach, banail dhut.

Rugadh agus thogadh Sìneag Nic an t-Saoir ann an Cille Pheadair ann an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Sineag Nic an t-Saoir / Learn more about Sineag Nic an t-SaoirCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.