
Buinidh Griogair Labhraidh do na Labhraich à Baile Chaolais, an ceann a tuath Earra-Ghà idheal, teaghlach a tha ainmeil a thaobh ceòl Gà idhealach. Bha iomadh deagh sheinneadair agus pìobaire am measg a shinnsir agus dh'ionnsaich e fhèin pìobaireachd aig glùin athair.
Thug an dualchas Gà idhealach leis an robh e air a chuairteachadh bho òige buaidh mhaireannach air, agus, bho bha e na dheugaire, tha e air a bhith air a bheò-ghlacadh le òrain agus bà rdachd na sgìre sin às a bheil e.
Choisinn a' chiad chlà r aige mòr-chliù dha agus, bhon uair sin, tha e air a bhith a' seinn agus a' cluich leis fhèin agus còmhla ri seinneadairean agus luchd-ciùil cho ainmeil agus a tha an Alba agus an Èirinn.
Tha e air òrain agus fuinn a bha air a dhol air dìochuimhn' ath-bheothachadh agus tha e air leth moiteil a bhith cumail dualchainnt, ceòl agus òrain a mhuinntir fhèin beò.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.