Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Iain Chaluim Ruaidh, ann am Bòstadh, ann am Beà rnaraigh Leòdhais air 26 Dùbhlachd, 1857.
B' e am mac bu shine de cheathrar chloinne a bh' aig Calum Mac a' Ghobhainn agus Mà iri NicÌomhair, Mà iri Thormoid, à Tòbsan. Ghluais an teaghlach à Bòstadh ann an 1878 gu 18, Circebost. Dh'fhalbh na daoine à Bòstadh chionns nach robh mòine air fhà gail dlùth gu leòr dhan bhaile airson connadh a chumail riutha agus fhuair iad fearann ann an Circebost.
Tha e coltach gur e duine iongantach a bh' ann an Iain Chaluim Ruaidh oir, a dh'aindeoin 's nach d' fhuair e foghlam foirmeil, bha comas leughaidh agus sgrìobhaidh aige ann am Beurla agus ann an Gà idhlig.
'S e croitear agus iasgair a bh' ann ann an là ithean òige agus bà rd comasach a rinn iomadach òran.
Bha e glè òg nuair a chaidh iompachadh agus bhon à m sin b' e laoidhean agus dà in spioradail a bhiodh e a' sgrìobhadh.
B' ann anns na Hearadh a chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha. Bha e na mhiseanaraidh ann an Scalpaigh airson ochd bliadhna deug. Thug e greis ann an Griomasaigh, an Uibhist a Tuath, agus an dèidh sinn thill e air ais do na Hearadh, do na Buirgh.
Bha fear dhe brà ithrean, Dòmhnall, no Doisean mar a chante ris, na mhiseanaraidh cuideachd ann an Nis agus ann am Bà igh na Hearadh.
Ged a bha Iain Chaluim Ruaidh pòsta trì uairean cha robh teaghlach aige ach aon leanabh a bhà saich mun à m a rugadh e. Ann an 1896 phòs e Mà iri NicCumhais às na Hearadh, piuthar athar an Urr. Aonghas MacCumhais, a bha na mhinisteir ann an Àrd Eaglais Steòrnabhaigh aig aon à m. Chaochail ise nuair a rugadh an leanabh. Phòs e Mà iri NicDhòmhnaill, à Griomasaigh, Uibhist a Tuath, ann an 1914, ach chaochail ise goirid an dèidh dhaibh pòsadh.
Chaidh a mhà thair a dh'fhuireach do na Hearadh còmhla ris nuair a bha i suas ann am bliadhnaichean agus choisich i do na Hearadh tro bheanntan Ùige agus cheann a tuath na Hearadh.
Ann an 1919 phòs e Mà iri NicIllFhinnein, às na Buirgh. Bha Mà iri mu dheich bliadhna fichead na b' òige na a cèile agus bha i beò chun na leth-cheudan. Bha i ag obair ann an Loidse nam Borgh agus b' i a chruinnich mòran de na sgrìobhaidhean aig Iain.
Chaochail Iain Chaluim Ruaidh ann an Sgarastadh Mhòr air 14 Giblean, 1924, agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Roghadail, ri taobh a mhà thar.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.