Òran air a sgrìobhadh le: Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Chaluim Ruaidh) agus air a sheinn le: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.
This is a song written by: Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Chaluim Ruaidh) and sung by: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais.
'S e Ìos' na aonar am Mac tha sìorraidh
Am fianais Dhè, bha e staigh gun tùs',
Mas robh neoni air a thoirt bhon à ithne
Bha Ìosa 'n là thair mar mhac na chliù;
B' e Ìosa sòlas an Athair ghlòrmhor
'S e sìor chòmhnaidh am blà ths a ghnùis;
Bha toil-inntinn an Athair nèamhaidh
A' laighe geur air mar thlachd a shùil.
'S e Ìos' na aonar a' phearsa shìorraidh
'S e meadhan Trianaid na sheasamh beò;
Mas robh ainglean air tighinn am fianais
Nan à ireamh lìonmhor nan cruthan òg;
Cha robh tùs aige thaobh a Dhiadhachd
'S e staigh an dìomhaireachd a bha mòr;
Bha sìor ghà irdeachas air a lìonadh
'S e neo-chrìochnach a-staigh na ghlòir.
'S e Ìos' na aonar an doras grà smhor
Tha sìor à rdaichte do gach linn;
Cha ghabh e dùnadh, tha seul an Triùir air
Mar dhoras cùmhnant fa chomhair teinn;
'S e ÃŒos' na aonar an doras naomha
Tha do na caoraich air là 's a dh'oidhche';
'S e Ìos' a-mhà in tha na uile là nachd
An doras teà rnaidh bhon ionad mhìllt'.
'S e Ìos' na aonar am fìor bhuachaill
A ghabh mar uallach na ghliocas fhèin
A chumhachd sìorraidh a chleachdadh gnìomhach
Air treud na Trianaid don tug e spèis;
'S e Ìos' na aonar thèid orra timcheall
'S cha tèid e iomrall, tha shealladh geur,
'S tha comharr' sìorraidh tha geà rrte dìomhair
Do shùil na Diadhachd air taghadh Dhè.
'S e Ìos' na aonar Rìgh nan Rìghrean
'S e fianais dhìleas a' chruinne-cè;
'S e 'm fìor naoidhean a bh' anns an stà ball
Thug bho na h-à rdaibh mòr-fheachd nan nèamh,
Thug air na draoidhean on ear gun d' ghluais iad,
Thug air na buachaillean tighinn bhon treud;
Bha Ìos' an aonar air glùin a mhà thar
Fìor Dhia na nà dar na phearsa fèin.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha dhà de na h-òrain aig Iain Chaluim Ruaidh, 'Òran na Ciorra' agus 'Òran na Muice-mara' anns an leabhar Bà rdachd Leòdhais (Acair, 1998), agus tha taghadh de na laoidhean aige anns an leabhar A' Chulaidh as Fheà rr a tha ri fhaotainn fhathast.

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...
Fiosrachadh air An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais / Learn more about An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghaisCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.