
Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Iain Beag PÃ draig Smith, anns an Leth Mheadhanaich, Uibhist a Deas, air 5 Gearran, 1923.
Chaidh e do Bhun-sgoil Ghearraidh na Mònadh agus an dèidh sin do Sgoil Dhalabroig agus Àrd-sgoil Lochabair. Bha e ann am Feachd an Adhair an uair a thòisich an cogadh, 's gun e ach na ghille òg. Chuir e pà irt dhen chogadh seachad ann am Burma agus anns na Dutch East Indies.
Phòs e fhèin agus Ciorstaidh Dhòmhnaill 'icNìll, às an aon bhaile ris fhèin, air 20 Iuchar, 1960. Bha dithis ghillean aca - Iain Antony, a bha aig aon à m ag obair mar fhear-naidheachd aig Telebhisean Ghrampian ach a tha a-nise a' fuireach air ais ann an Uibhist, agus Dòmhnall Ailean, a tha ag obair aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn ann an Loch Baghasdail. Chaochail Ciorstaidh anns an Fhaoilleach, 2007.
An dèidh a' chogaidh agus anns na leth-cheudan, chuir Iain seachad bliadhnaichean ag obair aig factaraidh na feumad ann an Orasaigh. Bha Oifis Puist aige anns a' Leth Mheadhanaich agus bhiodh e a' cuideachadh leis an sin bho à m gu à m. Bha Iain còrr air deich bliadhna fichead aig a' Hydro anns na stèiseanan cumhachd an Dalabrog agus a' Loch a' Chà rnain suas chun an à m a sguir e a chosnadh.
Cha bhiodh Iain cho tric a' seinn mu choinneamh sluaigh, ach bhiodh e a' seinn aig cèilidhean ann an Uibhist a Deas bho à m gu à m agus gu tric aig bainnsean anns an sgìre.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.