Rugadh Iain W. M. Mac Ille na Brataich air 13 Lùnastal, 1932, anns an t-seann mhansa ann am Baile mo Thatha, far an robh a dhachaigh cha mhòr fad a bheatha.
Bha athair, Morair Mac Ille na Brataich Chill Donnain, ainmeil mar Libearalach, mar fhear a sheas airson còraichean na Gà idhlig, agus mar fhear a chluich rugbaidh dha Alba aig ìre eadar-nà iseanta.
Bha a mhà thair Ray Mundell à Cataibh agus bha ceathrar theaghlach ann. B' i Ray Michie, a bha na Ball-Pà rlamaid airson Earra-Ghà idheal agus Bòid bho 1987 gu 2001, piuthar Iain.
Bha Gà idhlig cudromach dha. Eadar an sgoil fhà gail agus a dhol dhan oilthigh chuir e seachad bliadhna ann an Uibhist a Deas còmhla ri Iain agus Annag NicFhionghain an Dalabrog, a' fàs nas fhileanta sa chà nan agus ag ionnsachadh òrain bho sheinneadairean leithid Ceit NicDhòmhnaill (Bean Eardsaidh Raghnaill).
Cheumnaich e le Urram ann an Ceiltis à Oilthigh Ghlaschu agus à sin chaidh e gu Oilthigh Chambridge. Thug e bliadhna an Oilthigh Obar Dheathain, mus do ghabh e dreuchd mar òraidiche ann an Eachdraidh na h-Alba ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1965.
Nuair a chaochail athair ann an 1968 ghabh Iain uallach an tuathanais ann am Bhaile mo Thatha agus, fad faisg air deich bliadhna fichead, bha e a' dèanamh dà obair, na thuathanach agus na òraidiche. Nuair a leig e dheth dreuchd òraidiche ann an 1997, bha e ri obair tuathanais là n ùine.
Phòs Iain Criosaidh Dick à Uibhist a Tuath ann an 1959 agus bha còignear chloinne aca - Annag, Mà iri, Ceit, Seonaidh agus Gilbert.
B' e sgoilear air leth a bha ann an Iain. Ged a bha e caran socharach na dhòigh, bha spèis mhòr aig na h-oileanaich dha, agus 's iomadh duine a tha teagasg eachdraidh an-diugh air an tug e buaidh.
Tha toradh na h-obrach aige cuideachd ri fhaicinn ann an sreath de leabhraichean cudromach a sgrìobh e – Studies in the History of Dalriada ann an 1974, Late Medieval Monumental Sculpture in the West Highlands ann an 1977, agus The Beatons ann an 1986, leabhar mu Chlann Meic-bethad a bha nan lighichean ainmeil ann an iomadh pà irt de dh'Alba bhon cheathramh linn deug gu toiseach an ochdamh linn deug.
Chaochail Iain air 8 DÃ mhair, 2008, na dhachaigh as an t-seann mhansa am Baile Mo Thatha.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.