Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, Iain Mac Ille na Brataich agus Mà iri NicAonghais.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain, Iain Mac Ille na Brataich and Mà iri NicAonghais.
A Mhairead òg, 's tu rinn mo leòn,
Gur cailin bhòidheach lurach thu,
Gur guirm' do shùil na madainn driùchd
An dearc air chùl nan duilleagan.
Gur guirm' do shùil na madainn driùchd
An dearc air chùl nan duilleagan;
Gur gil thu, ghrà idh, nan sneachda bà n,
A' cur air à rd na monaidhean.
Gur gil thu, ghrà idh, nan sneachda bà n,
A' cur air à rd na monaidhean;
Ochòin, a Righ, mo nighean donn,
Nach robh mi thall am Muille leat.
Ochòin, a Righ, mo nighean donn,
Nach robh mi thall am Muille leat.
Gum marbhainn iasg is sitheann fhiadh,
'S cha bhiodh a' chiall, oirnn uireasbhaidh.
Gum marbhainn iasg is sitheann fhiadh,
'S cha bhiodh a' chiall, oirnn uireasbhaidh.
'S gum marbhainn coileach-dubh air geug,
Mum biodh na èideadh ioma fear.
'S gum marbhainn coileach-dubh air geug,
Mum biodh na èideadh ioma fear;
'S an earbag bheag à bun a' phris,
Ged 's clis a chì 's a chluinneas i.
'S an earbag bheag à bun a' phris,
Ged 's clis a chì 's a chluinneas i
Och, 's i mo mhà thair rinn an call
'N uair chuir i shealg na tunnaig mi!
Och, 's i mo mhà thair rinn an call
'N uair chuir i shealg na tunnaig mi!
'S nuair a rà in' mi 'n linne chaoil,
'S ann bha mo ghaol a' sruthladh innt'.
'S 'n uair a rà in' mi 'n linne chaoil,
'S ann bha mo ghaol a' sruthladh innt'
'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn,
Cha tèid e òirleach tuilleadh leam.
'S e 'n gunna caol a rinn mo leòn,
Cha tèid e òirleach tuilleadh leam.
'S a thè rinn dhomh-sa lèine chaoil,
Cha dèan thu, ghaoil, gin tuilleadh dhomh.
'S a thè rinn dhomh-sa lèine chaoil,
Cha dèan thu, 'ghaoil, gin tuilleadh dhomh.
Ged thèid mi suas don bhail' ud shuas
Cha bhi mo chuairt ach diomain ann.
Ged thèid mi suas don bhail' ud shuas
Cha bhi mo chuairt ach diomain ann.
Air leabaidh là ir chan fhaigh mi tà mh,
'S air leabaidh à rd cha chuir iad mi.
Air leabaidh là ir chan fhaigh mi tà mh,
'S air leabaidh à rd cha chuir iad mi.
Mi 'n-diugh 's an dè air cnoc leam fhèin
A' sileadh dheur 's mi turraman.
Mi 'n-diugh 'san dè air cnoc leam fhèin
A' sileadh dheur 's mi turraman.
O Rìgh nan dùl cùm rium mo chiall
Chi robh mi riamh sa chunnart seo.
O Rìgh nan dùl cùm rium mo chiall
Chi robh mi riamh sa chunnart seo.
'S a Mhairearad òg, 's tu rinn mo leòn,
'S tu dh'fhà g fo bhròn 's fo mhulad mi.
Cuspair an Ã’°ù²¹¾±²Ô
A rèir na sgeòil rinn mac tuathanaich an t-òran seo do nighean a bha na banaraich aig athair. A rèir coltais bha spèis mhòr aige dhith, agus nuair a mhothaich a mhà thair dha seo, cha robh i idir air a dòigh.
Aon fheasgar chunnaic a mhà thair gun deach an nighean ga nighe fhèin anns an abhainn. Nuair a thill a mac dhachaidh dh' innis i dha gu faca i tunnag bhrèagha air an abhainn. Gun dà il thog an gille a ghunna, 's rinn e air an abhainn. Tha an t-òran ag innse mar a thachair agus tha an t-ainm 'Òran an Amadain Bhòidhich' ag innse gun deach e às a chiall nuair a chunnaic e gun do mharbh e a leannan.

Rugadh Mà iri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Mà iri NicAonghais / Learn more about Mà iri NicAonghaisRugadh Iain W. M. Mac Ille na Brataich air 13 Lùnastal, 1932, anns an t-seann mhansa ann am Baile mo Thatha, far an robh a ...
Fiosrachadh air Iain Mac Ille na Brataich / Learn more about Iain Mac Ille na BrataichChaidh Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain a stèidheachadh bho thùs le Uisdean Alasdair Friseal, a bha na fhear-teagaisg Gà idhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Rugadh e ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain / Learn more about Còisir Ghà idhlig Inbhir PheofharainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.