Tha e coltach gum biodh Clann 'ic Cuithein air an ainmeachadh ann am Beurla mar Dhòmhnallaich aig amannan, agus 's dòcha gur ann ri linn seo a tha teagamhan mu chinneadh an ùghdair.
Bha Iain MacCuithein no Dòmhnallach ann an gaol le Catrìona Pheutan ach a rèir coltais cha robh teaghlach seach teaghlach airson gum pòsadh iad. Nuair a dh'fhalbh an teaghlach aig Catrìona do Cheap Breatainn mu 1829, cha leigeadh a theaghlach fhèin le Iain a leantainn.
Anns a' phà ipear-naidheachd Mac-Talla, a bha air fhoillseachadh ann an Ceap Breatainn eadar 1892 agus 1904, chaidh an t-òran Cà it an Caidil an Nìonag A-nochd? fhoillseachadh air 28 Faoilleach, 1893, agus a-rithist air 2 Dà mhair, 1903. Chaidh sgeulachd an òrain innse, an toiseach mar a leanas:
"Rinneadh an t-òran seo le Iain Dòmhnallach, Iain Mac Dhòmhnaill Òig Mhic Fhionnlaigh, an sgìreachd Chille Moire san Eilean Sgitheanach. Thà inig an nighean, Catrìona nighean Alasdair Pheutain, do Cheap Breatainn, mun bhliadhna 1831. Cha robh Iain ach naoi bliadhna deug aig an à m sin. Cha tà inig e don dùthaich seo. Chaochail e nuair a bha e mu shia bliadhna fichead."
Nuair a chaidh an t-òran fhoillseachadh ann an 1903, bha beagan a bharrachd fiosrachadh mu na daoine na chois:
"Bha Dòmhnall Òg MacCuithein, Dòmhnall mac Fhionnlaigh, a' còmhnaidh an Tobhta, an Tròndarnais san Eilean Sgitheanach. Dh'fhà g e Tobhta agus chaidh e dh'fhuireach do Chille-Mhoire mun bhliadhna 1824. Phòs e Peigi Pheutan, Peigi nighean Fhearchair Breabadair agus bha còignear chloinne aige rithe - Alasdair, Iain, Dòmhnall, Mà iri agus Peigi.
Rugadh Iain mun bhliadhna 1809. Rinn e Cà it an Caidil an Nìonag? mun bhliadhna 1828. Rinn e òrain eile cuideachd. Bha e na dhuine là idir, foghainteach. Chaochail e le caitheamh mun bhliadhna 1835.
Goirid an dèidh bàs Iain thà inig athair 's a mhà thar, Dòmhnall a bhrà thar agus a dhithis pheathraichean do Cheap Breatainn. Dh'fhuirich Alasdair san t-seann dùthaich. Bha e a' còmhnaidh aig Port Cheasaig.
Bha Alasdair Peutan a' còmhnaidh am brà ighe Chille Mhoire. Thà inig e do Cheap Breatainn mun bhliadhna 1829. B' e Catrìona, a nighean, an nìonag air an do rinn Iain MacCuithein an t-òran."
Tha na facail air an ±ôà °ù²¹¾±³¦³ó-²õ²¹ mar a chaidh am foillseachadh ann am Mac-Talla, a' mhòrchuid de na ceathramhan bho phà ipeir 1893, ach ceathramhan 2, 3, 9 agus 16 bho phà ipeir 1903.
B' e am Mac Nìomhain a tha air ainmeachadh anns an t-òran an aon Mac Nìomhain a tha Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) ag ainmeachadh anns an t-òran 'Na Thriall Uainn':
Nuair a thà inig Mac Nìomhain
Dhan tìr, bha e searbh,
Le long chrannagan trì
Thoirt ar dìlsean air falbh.
Anns an leabhar Mà iri Mhòr nan Òran (Gairm, Glaschu, 1977) tha an t-Ollamh Dòmhnall E. Meek a' mìneachadh gur e seo Gilleasbaig Mac Nìomhain à Ìle, "aon den fheadhainn a bu mhì-chliùitiche a bha an sàs ann an aiseag nam fògarrach. Tha e air aithris gun tug e an t-aiseag do dhusan mìle Gà idheal eadar 1821 agus 1832. Tha iomradh air bà taichean Mhic Nìomhain a bhith ann a' Loch Snìosart mu thoiseach an fhoghair 1840 a dh'aiseag dhaoine do Cheap Breatainn 's do dh'Eilean a' Phrionnsa."
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha dà artaigil air am foillseachadh mun t-òran Cà it an Caidil an Nìonag A-nochd?: An Early Nineteenth-century Skye song agus Some Further Notes on Cà it an Caidil an Nìonag A-nochd le A. Loughran rin leughadh anns an iris Scottish Gaelic Studies, Vol. 14 agus Vol. 15.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.