
Rugadh agus thogadh Iseabail Nic an t-Sagairt ann an Ìle, air fearann an teaghlaich aig Ceann Trà igh, san Odh'.
Rinn a pà rantan, Mairead Anna à Leòdhas agus Hamish Mac an t-Sagairt cinnteach gum biodh Gà idhlig aig an cuid chloinne, agus tha Iseabail, agus a brà thair, Seumas, agus a piuthar, Deirdre air a bhith a' seinn aig Mòdan bho bha iad beag.
Bhuannaich Iseabail am Bonn Òr aig Mòd Pheairt ann an 2004, ceithir bliadhna às dèidh dha Deirdre a chosnadh aig Mòd Dhùin Omhain.
Tha an teaghlach gu lèir air a bhith an sàs ann an còisirean air feadh na dùthcha, agus, bho thill i a dh'Ìle ann an 2006, tha Iseabail air a bhith a' stiùireadh Còisir Ghà idhlig Ìle. Tha i cuideachd a' cur taic ri Còisir Òg Ghà idhlig Ìle agus Còisir Bun-sgoil na Cille. Tha air soirbheachadh le Còisir Ghà idhlig Ìle thar nam bliadhnaichean agus ann an 2009 bhuannaich iad duais Sheriff McMaster aig a' Mhòd san Òban.
Cheumnaich Iseabail ann am Mandarin agus Iapaneis agus chuir i mòran ùine seachad ann an Sìona, na h-oileanach, agus ag obair na tè-lagha. Chaidh i an uair sin dhan BhBC far an robh i mu dheireadh aig Âé¶¹Éç Radio 5 Live.
Lean i dreuchdan ann an conaltradh, ach nas fhaisg air an taigh, le companaidh uisge-beatha, Morrison Bowmore Distillers. Mu dheireadh bha i os cionn taigh-staile Bhogha Mhòir ann an Ìle.
Tha Iseabail a-nis aig an taigh ann an Ceann Trà igh a' togail an ath ghinealach an sin - an dithis chloinne, Ailig agus Maeve - leis an duine aice, Andy Dòmhnallach.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.