Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri Nic Mhuirich agus air a sheinn le: Iseabail Nic an t-Sagairt.
This is a song written by: MÃ iri Nic Mhuirich and sung by: Iseabail Nic an t-Sagairt.
Tha m' inntinn-s' an geall
A bhi thall air uisg' Iòrdain,
Mar ri Prionnsa na sìochaint,
B' e mo mhiann dol na chòmhdhail;
'S e cìobair an treud e
Bheir e fèin orra faicill;
As na h-eileanan cuainteach,
Ni e 'n cuairteachadh dhachaigh.
'S e an Ròs e o Shà ron,
'S am Flùr e o Iesse,
'S e Gaisgeach Treubh Iùdah.
Cha chlaoidhear a neart-sa:
'S e à illteachd thar chà ch
Thug mo ghrà dh-sa cho mòr dha:
'S nuair bhios e às m' fhianais,
Bidh mi cianail ro-bhrònach.
Bidh mi dubhach 'ga iarraidh,
Os ìosal an còmhnaidh,
'S nuair chì mi na mhais' e
Bidh mi laiste le sòlas;
'S e m' Ã illeagan broillich,
'S e mo charaid 's m' fhear-pòst' e;
'S e mo bhrà thair as sine
Tric is minig gam chòmhnadh.
'S e fear ghabhail mo leisgeil
'S a sheasamh mo chòrach;
A phaigheas m' uil' fhiachan,
'S nì mo dhìon bho gach dòrainn;
Am fad 's a bhios mi air thuras
Bheir e 'n cumantas lòn dhomh;
'S an uair a philleas mi dhachaidh
Cha bhi à irc aig a bhòrd-sa.
Tha mil is bainne an Canà an,
Ged tha 'n fhà sach-s' là n croisean;
'S iomadh bruthadh air sà ilibh
'N neach as feà rr gheibh an t-aisig;
Bha a smachdan 's a thròcair,
O m' òige mu seach orm;
'S b' e bu chainnt dhaibh le chèile,
Mi a thrèigsinn a pheacaidh.
'S iad clann dìleas a chùmhnant
'S gèire sgiùrsas a shlat-sa;
Ach cha dealaich a chaoimhneas
A chaoidh riuth' rèir fhacail;
'S e trioblaid na fùirneis
'S a bheil e rùsgadh an seachrain:
Gus an iarr iad dheth thròcair
Gun leònadh dha cheartas.
Chum 's gu faic iad an truaigh',
'S an gluasad gun fhaicill,
Thig an lagh gan deann-ruagadh
Às gach bruach an robh 'm fasgadh.
'N uair nì chogais dùsgadh
Le sgrùdadh geur-bheachdail,
Nì i mach dhiubh bhi caillte
Mar tionndaidh iad dhachaidh.
'N uair bha mi am reubal
'S e fèin a rinn iochd orm;
'S rinn mo philleadh le tròcair
Bho shligh' dhòrainn 'n lèir-sgriosaidh,
Mar amhailt à grìosaich,
A spìon e mi thairis
Bharr chrìochan an nà mhaid
Gu fà rdach a chlanna.
Tha cuibhleachan ùine
Gu dlùth a' dol seachad:
Dèan mo sgeadachadh sgiamhach
An aodach iasaid a ghaisgich;
Anns am faigh mi a bheannachd,
A cheannnaich e daor dhomh;
Cha b' ann le nì truaillidh.
Ach fhuil uasal ga taomadh.
Dh'ath-nuadhaich e chùmhnant,
Is dhùbail e ghealladh;
'S e Caiptean mo shlà int' e,
Bheir le gràs mi na choinneamh;
Tha gach latha mar bhliadhna
Gus an crìochnaich mi m' astar
Gus am bi mi na fhianais
Tro shìorraidheachd cuir beachd air.
Rinn Simeon sòlas nuair
Fhuair e òg e na ghlacaibh;
Is le irioslachd dh'iarr e
Comas triall 's a dhol dachaigh;
As a b' fhad bha mi 'g earbsa,
Tha mo shùil dearbhta ga fhaicinn -
Slà inte Dhè do chloinn daoine,
Chaidh fada thaobh uaith' air seachran.

Rugadh agus thogadh Iseabail Nic an t-Sagairt ann an Ìle, air fearann an teaghlaich aig Ceann Trà igh, san ...
Fiosrachadh air Iseabail Nic an t-Sagairt / Learn more about Iseabail Nic an t-SagairtCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.