Rugadh Mairead Choineagan, nighean Iain Churstag Aonghais, ann an Urgha, faisg air Tairbeart na Hearadh ann an 1829. B' i Mòr Mhòr à Bà gh Chuilce bu mhà thair dhith agus bha i pòsta aig Eòghainn Moireasdan, Eòghainn 'n 'ic Chaluim, a rugadh ann an Urgha cuideachd.
Air 24 Gearran, 1885, chaidh dithis de na gillean aca, Coinneach, aois 17, agus Iain, aois 24, a bhà thadh mu ceithir mìle an ear-thuath air Eilean Ghlas Scalpaigh, a-mach bho Rubha a' Bhà ird, aig beul Loch Claidh.
Chaidh dithis eile a bhà thadh cuideachd. Bha aon dhuibh, Angus MacLeòid, air a dhol gu muir an à ite fear eile agus b' esan mac Mhurchaidh Thormaid Phìobaire, a bha pòsta aig Catrìona, piuthar athar an dithis bhrà ithrean. B' e Iain MacIllìosa an ceathramh fear agus b' esan mac Raonaid, piuthar Mhairead Choineagan, mà thair nam brà ithrean.
Bha Mairead agus Eòghainn a' fuireach aig a' Lon Bhà n ann an Scalpaigh agus far a' chnuic, os cionn an taighe, tha sealladh a-null gu Rubha a' Bhà ird, far na thachair an call.
Rinn Mairead òran eile air an aon chuspair. B' i piuthar do dh'Alasdair Coineagan a rinn an t-òran 'Am Bà ta Beag'. B' i cuideachd sinn-seanmhair Mhòrag NicLeòid, a bha aig Sgoil Eòlais na h-Alba an Dùn Èideann agus sinn-sinn-seanmhair Alasdair MhicLeòid a bhios bho à m gu à m a' seinn laoidhean air prògraman a' BhBC.
Chaochail Mairead Choineagan air 13 MÃ rt, 1913.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.