Rugadh Mà iri Nic Mhuirich ann an sgìre Lagain far an robh a h-athair, Eòghainn, na mhaighstir-sgoile.
Tha coltas ann gun do chuir i seachad a h-òige mar a chuireadh a co-aoisean aig an à m. Bha i dèidheil air cèol, òrain agus dannsa agus bha iad sin pailt ann am Bà ideanach aig an à m.
Tha an t-Urr. Alasdair MacRath a dheasaich agus a dh'fhoillsich cruinneachadh de na laoidhean aig Mà iri a' cumail a-mach gun deach a h-iompachadh uaireigin eadar 1765 agus 1785, oir chaidh laoidh leatha fhoillseachadh an Dùn Èideann ann an 1785:
Thig led dhoille, ciont is daorsa
FÃ g na aonar air-san 'n leatrom,
Dh'iarraidh teagaisg, riaghlaidh 's saoraidh
Tha iad annsan rin toirt seachad.
Seall le muinghinn an à irde
Chum nam beann da bheil do thaitneachd;
Nuair is trioblaidich a dhual dhut
Amhairc suas ri Triath nam feartan.
CÃ raich d' eallach air a ghuaillibh
Oir 's ann uaithe thig do neart-sa;
'S ged nach beachdaich thusa ghluasad
Creid gu luath gu bheil e 'm faisg ort
Feith gu foighidneach ri thìm-san
'S imich dìreach rèir a reachda
Ruith do rèis le fair' is dìcheall
'S ann le strì a nì thu streapadh.
B' ann ri linn a cas a bhriseadh a thà inig atharrachadh na beatha, ach cha do shlà naich a cas gu dòigheil agus bha aice ri bata agus croitse a chleachdadh fad a beatha an dèidh seo.
Phòs i òg, fear Clark, aig a robh beagan fearainn an Torra Dhamh an Gleann Truim. Bha an dachaigh mu choinneamh Creag Dhubh, le sealladh brèagha air a' ghleann. Chan eil mòran fios ri lorg mun duine aice ach tha an t-Urr. MacRath ag innse mar a thòisich Mà iri an toiseach ri laoidhean a dhèanamh ann am Beurla agus mar a thug a cèile oirre an dèanamh ann an Gà idhlig.
Chan eil sgeul air cà il a rinn i sa Bheurla agus chan eil ach seachd laoidhean Gà idhlig leatha air lorg an-diugh.
Tha e coltach gun deach a fà gail na banntrach 's i òg agus ged a bha clann aice cha d' fhuair i mòran taic bhuapa. Ged a bha nà baidhean math dhith, bha i tric ann an èis:
'S mi mar dhèirceachan falamh,
Gun nì, gun fheudail, gun earras, gun stòr,
'S mi 'n dùil gun èist thu ri m' ghearan
'S do ghnùis le coibhneas gun deà lraich thu orm.
Na leig dhomh tionndadh bho d' leanail
Ach dèan mo stiùireadh 's mi aineolach dorch,
Le d' ghràs ath-nuadhaich-sa m' anam
'S dèan grà dh is fìrinn a bhuileachadh orm.
'S tric a las thu mo choinnleir
'S mi gun solas, gun soillse nam chòir,
Le do Spiorad tha saoibheir
Chum mo sheachran fhoillseachadh dhòmh-s'.
Sgrùdam d' fhocal gach oidhche
Stiùireas m' astar mar ghuide anns an ròd,
'S tionndaidheam dhachaidh bho m' fhaontraidh
Dh'ionnsaidh m' athair tha saoibheir an glòir.
Tha sgeulachd ag innse mar a bha ceistear na sgìre uair a' dol seachad air taigh Mhà iri agus thug e an aire gu robh fuaimean a-staigh. Nuair a dh'fhosgail e an doras, 's gann gum b' urrainn dha a chreidsinn gu robh Mà iri a' dannsa am meadhan an là ir. Ach mhìnich i dha gur e an t-adhbhar a bha i a' dannsa gu robh i a' faireachdainn cho toilichte gu robh i air a Slà naigheir a lorg.
Tha e coltach gun deach faighneachd do Mhà iri turas cia mheud duine dom b' urrainn dhith aoigheachd a thoirt aig à m òrduighean. Fhreagair i "Tha sabhal agam a chumadh fichead agus cridhe a chumadh ceud".
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.