Bha cuid de na boireannaich a bha seinn còmhla ri Mnathan Luaidh Liùrboist eòlach gu leòr air a bhith a' luadh chlò. Bha cuimhne aig Ceit NicLeòid a bhith a' nighe còig chlòithtean a-staigh aca fhèin ann an aon latha, 's bha na clòithtean sin an uair sin rin luadh.
Anns na leth-cheudan, ged-thà , 's ann mar chur-seachad a bha na h-òrain luaidh gan gabhail ann an Liùrbost. Bhiodh am bannal a' coinneachadh mar bu trice anns an taigh-sgoile, ach uaireannan ann an taigh Aonghais MhicLeòid, Frics, aig 20 Liùrbost. B' e seo dachaigh Cheit agus Nan NicLeòid, a bhiodh tric an ceann an t-seinn.
Bha "Concert Party" anns an sgìre, agus 's ann airson a bhith mar phà irt dhe a thà inig am buidheann luaidh còmhla. Bhiodh an "Concert Party" seo, le Cailleach an Dèacoin air an ceann, a' seinn ann an à iteachan mar Talla a' Bhaile Steòrnabhaigh agus tallachan eile air feadh Leòdhais. Bha iad aon uair anns na leth-cheudan ann an , ann an Glaschu, agus na mnathan luaidh nan cois.
Chaidh cuid de na h-òrain a tha ann an tasglann a' BhBC an clà radh ann an taigh-sgoile Liùrboist, ann an 1956. Chaidh feadhainn eile a chlà radh a' bhliadhna an dèidh sin.
Cuideachd ann an 1956, fhuair Mnathan Luaidh Liùrboist cuireadh tighinn gu Fèis Dhùn Èideann a sheinn aig a' chuirm-chiùil Pleasures of Scotland anns na h-Assembly Rooms. A' seinn aig an aon chuirm bha Seonag NicChoinnich às an Rubha, Leòdhas, Anna Arnott às an Eilean Sgitheanach, Ceit NicNeacail à Uibhist a Deas, Jeannie Robertson, Còmhlan-ciùil Fhearchair MhicRath à Loch Ailleart, am pìobaire Iain Burgess, agus a' cluich na clà rsaich Mary O' Hara à Èirinn.
Bha leithid a shluagh ag iarraidh tighinn dhan èisteachd 's gun d' thà inig orra a dhèanamh turas a bharrachd air na bha iad an dùil.
Chaidh fiolm a dhèanamh de na mnathan luaidh le buidheann à New Zealand, ach chan eil fios an deach a' fiolm sin fhaicinn a-riamh anns an rìoghachd seo.
Dh'fhalbh Ceit NicLeòid, a bha gu mòr an sàs anns a' bhannal a dh'fhuireach a Shrath Pheofharain aig deireadh na leth-cheudan agus fad bhliadhnaichean an dèidh sin bha i na ball de Chòisir Ghà idhlig Inbhir Pheofharain. Mun à m sin cuideachd, thòisich feadhainn eile a' fà gail na sgìre agus mar sin thà inig gnothaichean gu ceann do Mhnathan Luaidh Liùrboist, ged a chùm an "Concert Party" a' dol airson ùine an dèidh sin.
Bha na boireannaich a leanas am measg an fheadhainn a bhiodh a' seinn gu bitheanta le Mnathan Luaidh Liùrboist:
-- Ceit agus Nan NicLeòid, a bha a' fuireach aig 20 Liùrbost.
-- Catriona NicÌomhair, piuthar Ceit is Nan, agus an dithis nighean aice, Catrìona agus Seonag, bho Creagan Dubh, Liùrbost.
-- Anna Mhoireasdan, bho 5 Liùrbost agus Cairistìona Mhà rtainn, bho 15 Liùrbost.
-- Mà iri Bhà n agus Iseabail NicChoinnich, bho Oifig a' Phuist, Crosabost.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.