Rugadh Peigi NicChoinnich, Peigi Chaluim Iain, aig bonn Cnoc Chùsbaig, ann a' Siadar a' Rubha, ann an Leòdhas, air 26 Ògmhios, 1907. B' i Iseabail NicDhòmhnaill, Iseabail Aonghais Phortair, a mà thair. Bha ceathrar anns an teaghlach. Bha a piuthar Anna, na bu shine, agus bha dithis bhalach ann, Calum agus Uilleam. Chaill Peigi a h-athair agus i fhathast na pà iste òg sgoile.
Chaidh i do Sgoil Shiadair agus an dèidh sin do sgoil MhicNeacail. Anns an latha sin bha aig clann-sgoile an Rubha ri fuireach ann an loidseadh ann a' Steòrnabhagh, oir cha robh busaichean ann a bheireadh a' chlann air ais agus air adhart.
An dèidh a' sgoil fhà gail chaidh Peigi airson bliadhna do Cholaiste Skerry's, air Srà id Bath ann am meadhan Ghlaschu, airson taidhpeadh agus obair oifis ionnsachadh. An dèidh dhi a trèanadh a chrìochnachadh anns a' Cholaiste thug Iain, brà thair a mà thar, i a-mach a Chanada gu Fort William, neo Thunder Bay mar a chanar ris an-diugh. Bha i mu sheachd bliadhna deug a dh'aois aig an à m seo agus an dèidh a bhith ann a' Fort Willian airson greis chaidh i gu Vancouver, far an robh piuthar a mà thar.
Bha Peigi riamh dèidheil air seinn agus bhiodh a mà thair ag rà dh rithe gu robh i a' seinn mus do thòisich i air còmradh. Cha b' e òrain Ghà idhlig a-mhà in a bhiodh i a' seinn ach òrain Bheurla, le leithid Irving Berlin. Bha i air bliadhna trèinidh a dhèanamh air a guth còmhla ri Seòras Boidhd, à Glaschu. Fhad 's a bha i ann an Canada bhiodh i a' seinn còmhla ri còmhlan de bhalaich Leòdhasach, le mac brà thair a h-athar nam measg.
Bha Peigi dona leis a' chianalas agus nuair a thà inig an naidheachd gu robh a piuthar Anna a pòsadh ghabh Peigi an cothrom tilleadh a Leòdhas agus cha do thill i a Chanada tuilleadh.
Fhad 's a bha i ann an Canada fhuair i na h-òrain aig Uilleam MacCoinnich (Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich), brà thair a seanar, bho piuthar a h-athar agus thug i iad air ais leatha a Leòdhas. Bha na h-òrain air an sgrìobhadh sios cheana ann an leabhar dearg le h-athair agus leis an t-Urramach Iain MacÌomhair, Iain Thorcuill, a bha air a bhith na mhinisteir ann an Carlabhagh. Am measg nan òran seo bha leithid Bidh Mo Dhùthaich ri Tighinn air m' Aire, 'Mà iri Nighean Alasdair' agus 'An Till mi Tuilleadh a Leòdhas'.
An dèidh do Pheigi tilleadh chaidh na h-òrain sin agus cuid den fheadhainn aice fhèin a chlò-bhualadh anns an leabhar Cnoc Chùsbaig, a dheasaich Peigi, ann an 1936.
A bharrachd air Caoidh nam Fear Treun rinn Peigi òrain eile air am bheil deagh aithne leithid 'Nam Biodh Agam Tà lantan', a' chiad fhear a rinn i, agus 'Mo Shùil air Loch an t-Sithein'.
Bha Peigi a' coimhead às dèidh a mà thair an dèidh tilleadh à Canada agus goirid mus do thòisich an cogadh phòs i Iain Calum MacCoinnich, Iain Chaluim Tolmie, à Port Mholair, agus chaidh i a dh'fhuireach dhan bhaile sin, far do chuir i seachad an còrr de beatha. Bha aon nighean aca ach chaochail i na leanaibh naoi mìosan.
Chaochail Peigi air 13 Faoilleach, 1993.
Tha sinn an comain Etta Bell Nic a' Maoilein, nighean peathar Pheigi, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.