
Rugadh Ruairidh MacCoinnich, Ruairidh a' Ghlinne, ann an Gleann Tharmsaig, eadar Urgha agus Carragraich, faisg air an Tairbeart air 9 Cèitean, 1888.
B' i Cairistìona a' Bhà ird a mhà thair. B' e Niall Moireasdan (Bà rd Phabaigh) a sheanair agus b' e Niall Dòmhnallach, Niall Mòr, Bà rd Losgaintir co-ogha Ruairidh. Mar sin faodar a rà dh gu robh smior na bà rdachd anns an teaghlach. B' e Coinneach Thormoid athair agus b' ann à Loch Carrann a thà inig na daoine aige-san bho thùs.
Phòs Ruairidh Catrìona NicAmhlaigh, nighean Thormoid Shomhairle à Greòsabhagh agus b' ise piuthar mà thar an t-seinneadair Uilleam Iain MacAmhlaigh. 'S ann dhi a rinn Ruaraidh an t-òran Fail il ì ho rò mo Chailin.
Ghluais iad do Phort nan Long anns an t-Eilean Sgitheanach còmhla ri mòran eile às na Hearadh anns na 1920an. Cha do chòrd seo idir ri Catrìona agus bha cianalas mòr oirre agus thill i air ais do na Hearadh. Dh'fhan Ruairidh anns an t-Eilean Sgitheanach airson greis ach an ceann ùine thill esan cuideachd agus bha an dachaigh ann an Gleann Tharmsaig bhon uair sin.
Bha sianar de theaghlach aca, còignear nighean, Ciorstaidh, Mà iri Sarah, Norah, Raonaid agus Mà iri Anna, agus aon bhalach, Coinneach. Chaochail Catrìona, bean Ruairidh, air 3 Sultain, 1935, sia mìosan an dèidh dhan t-siathamh pà iste, Mà iri Anna, a bhith aice. Chaidh a' chlann a b' òige, Mà iri Anna agus Raonaid, a thogail còmhla ri an seanmhair ann an Greòsabhagh agus cà ch còmhla rin athair.
'S e clachair a bh' ann a' Ruairidh agus bha e ag obair air na rathaidean aig a' Chounty bho thill e às an t-Eilean Sgitheanach gus an do sguir e a chosnadh.
Chaochail Ruairidh a' Ghlinne ann an Taigh na Hearadh air an Tairbeart, air 7 Ã’gmhios, 1978, aig aois 90.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.