Rugadh Ceitidh Anna NicGilleathain, Ceitidh Anna Chailein Aonghais Iain à 17 Ceann a Deas Bhrà gair air 18 Ògmhios, 1913. Phòs i fear a bha a' fuireach air a' lot a bha rin taobh, Aonghas Iain Aonghas Seòig (MacLeòid), ann an 1940 agus thog iad taigh, Bacabhat, air a' chrìoch eadar Brà gar agus Siabost. Bha dithis a theaghlach aca, Aonghas agus Chrismor.
Bha Ceitidh Anna air mhuinntireas ann an Glaschu aig an à m a fhuair i Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich. Bha seo ann an 1938 agus bha a mac, Aonghas, a' smaoineachadh gur e an teaghlach aig an robh i ag obair a bhrosnaich i gu bhith seinn, agus a phà igh airson i dhol gu leasain seinn.
Bha aithris anns a' Ghlasgow Herald air 30 Sultain, an latha an dèidh an fharpais:
"A record was established at the Mod yesterday when both the Gold Medals for singing were won by young competitors who had never previously taken part in the event."
Ach suarach am beachd a ghabh Ceitidh Anna air balaich nam pà ipearan-naidheachd, mar a dh'innis i air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal air 05/05/1989:
"Grà in, agus a h-uile duine a' fireigeadh ort le ceistean bhon taobh ud 's an taobh seo. 'S cha robh fios agad fo ghrian... bha thu air a dhol cho muddled up 's nach robh fhios agad cò a fhreagradh tu. Bha leithid aca ann. 'S a' togail dhealbhan. Bha e as a' h-uile paipear, as an Express, agus an Journal agus a h-uile aon dha na pà ipearan sin. 'S bha e as a' Ghazette, 's a h-uile h-aon de na pà ipearan sin. Co-dhiù, fhuair sinn troimhe dòigh air choireigin."
Cha robh eagal air Ceitidh Anna ro à rd-ùrlar:
"Tha gu leòr seinneadairean ann, agus seinneadairean math, ach chan eil a dh'aghaidh orra a thèid iad air beulaibh dhaoine, rud tha duilich. Dheidhinn-sa a sheinn, cha robh e a' cur cà il orm a bharrachd air na tha bhith bruidhinn ribh pèin an-drà sta agus cha robh mi a' saoilsinn cà il dheth. Nise, bha mi a' faicinn feadhainn eile, 's nuair a bha iad a' tighinn an siud bha iad ann an à irde na teasaich. 'S cha robh mise a' tuigsinn sin."
'S thuirt i 's i a' bruidhinn air a bhith a' gabhail òrain:
"Nuair a gheibhinn-sa steach annta bha mi sona gu leòr. Ged a bhithinn a' seinn bho mhadainn gu oidhche, bha e mar mo bheatha."
Agus gu dearbha sin a' chuimhne a tha aig a mac, Aonghas oirre mar a dh'innis e ann am prògram a rinn Fionnlagh MacLeòid mu Bhrà gair air Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal:
"Tha cuimhn' agam oirre nuair a bha mi gu math òg, i bhith aig consairtean ann a' Steòrnabhagh bho à m gu à m. Bha i an Glaschu 's an Dùn Èideann cuideachd. Bhiodh i a' seinn ann an Glaschu gu math tric, 's bha i shìos an Lunnainn cuideachd.
Bhiodh sinn a' dol chun na h-à irigh nar n-òige. Bha m' athair ag obair 's bhiodh e a' coiseachd air ais 's air adhart bhon a' mhuilinn mach chun na h-à irigh fhad 's a bhiodh sinne air là ithean-saora às a' sgoil.
Agus bhiodh i ann, agus air feasgar samhraidh chiùin bheireadh i sgal creig air an à ite, aig ceann na h-à irigh no fiùs a-staigh am broinn na h-à irigh. Bhiodh sinn a' dol a-mach, 's nuair a gheibheadh i an t-à ite leatha fhèin 's ann bu mhiosa bha i. Bha i tòrr na b' fheà rr às aonais audience!"
Bha Ruaraidh Mac a' Ghobhainn (Ruaraidh Aonghais a' Chaiptean) à Brà gar, air a' phoilis an Glaschu mun à m a fhuair Ceitidh Ann am Bonn Òr, agus thug e dhi òran a bha e dìreach air a sgrìobhadh. B' i Ceitidh Anna a' chiad duine riamh a sheinn Tom an t-Searraich agus rinn i sin ann an talla mhòr an Glaschu.
Bha i measail air seinneadairean leithid Coinneach MacRath agus Eilidh T. Nic a' Mhaoilein agus Eà irdsidh Grannd. Nuair a bhiodh i a' seinn aig cuirmean nach robh Gà idhealach, bhiodh i a' seinn òrain Albannach ann am Beurla.
B' e Mòd sònraichte a bh' ann a' bhliadhna a choisinn Ceitidh Anna am Bonn Òr. Bha an fharpais air a chumail, chan ann ann an mar a b' à bhaist, ach ann an talla a thogadh am Pà irce Bellahouston mar phà irt dhen Empire Exhibition a bha sa bhaile a' bhliadhna sin. Dh'fhosgladh an Exhibition le Righ Seòras VI agus a' Bhanrigh Mà iri air 23 Cèitean, agus mus do dhùin e air 29 Dà mhair bha còrr air dusan gu leth millean duine air tadhal air.
Ach b' e seo cuideachd am Mòd mu dheireadh a chumadh ron chogadh. Cha deach Bonn Òr a thoirt do dhuine tuilleadh gu 1946.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.