Rugadh Ruaraidh MacLeòid air 15 Mà rt, 1903, ann an "Stocanais ghruamach, le chreagan mun cuairt air" ann am Bà igh na Hearadh. Chante Bà rd Chaolas Stocanais ris, no Ruaraidh Cunnartach, no "Harris".
B' e an dà rna leanabh a bha aig Alasdair Ruaraidh Iain Mhòir a' Chaolais agus a bhean Ceiteag Tharmoid Bhig.
Ged a bha e math san sgoil cha robh cothrom aige leantainn ris an fhoghlam agus an dèidh an sgoil fhà gail thug e greis aig obraichean Lord Leverhulme san t-Òb. A bharrachd air sin, b' ann aig muir a bha e cha mhòr fad a bheatha, rud a bha, 's dòcha, na adhbhar aithreachais dha:
Gun tug an Tì là n chothrom dhomh
A dhol tro fhoghlam colaiste;
Gu fà gadh siud glè shona mi
Le m' choilear fad mo là ithean.
Nuair bha mi òg bha ùidh orm
Bha eanchainn mhath is cuimhne agam;
Is chunntainn rìghrean 's rìoghachdan
Nach fhaic mi chaoidh ach pà irt dhiubh.
Fo ghruaimean mar tha mi 'n-diugh
Gur tric mi muigh air allaban
'S i gòraiche na h-òige 'n-diugh
A dh'fhà g a-muigh air sà l mi.
Ma gheibh thu bàs air bòrd innte
Cha chuir iad fiù na bòrdan ort
Ach canabhas aig seòldairean
A ghròbadh ort le snà thaid.
Tha e nà darrach le sin gur ann mu sheòladh agus mu bhà taichean a tha grunn de na h-òrain aige, ged a rinn e corra òran gaoil cuideachd. Ann an aon òran tha e ag innse mar a chaidh bà ta air an robh e, gu tubaisteach, air Creag Ealasaid:
Thoisich cuid aca ri rà naich
Cuid ag èigheach air am mà thair
Thug mi cliù dhan fhear a b' aìrde
Gu robh snà mh agam nam b' fheudar.
Ann am program a rinn i mun bhà rd air 30/06/2001, mhìnich Jo NicDhòmhnaill às na Hearadh mar a fhuair am bà rd an t-ainm Ruaraidh Cunnartach:
"Bha Fionnlagh MacLeòid, mac brà thair Harris, ag innse dhomh gur e Leòdhasaich a bha aig muir còmhla ris a' bhà rd a thug a thug am far-ainm Ruaraidh Cunnartach air, chionn cho geur-chuiseach agus cho deas-bhriathrach 's a bha e. Cha b' urrainn dhaibh facal a rà dh ris nach biodh freagairt aige dhaibh agus dh'fhaodadh e cuideachd an cur ann an òran gun maill sam bith. Mar sin bhiodh spòrs agus dibhearsain gu leòr a' dol."
Rinn Ruaraidh an t-òran Cùlaibh Èirinn aig à m an Darna Cogaidh nuair a bhuail torpedo bà ta a bha an taobh thall dhen bhà ta air an robh e fhèin, is iad a' gabhail fasgadh an iar air Èirinn air an t-slighe a-null don Èipheit.
Chunnaic e an sgrios le shùilean fhèin.
Chaochail Ruaraidh ann an 1965 an dèidh tubaist air soitheach leis an City Line, faisg air na Canaries. Chaidh a thiodhlacadh ann an Las Palmas.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.