Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh MacLeòid agus air a sheinn le: Catriona NicLeòid.
This is a song written by: Ruaraidh MacLeòid and sung by: Catriona NicLeòid.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Haoi ò thogainn agus haoi thogainn, dh'fhalbhainn
Haoi ò thogainn agus haoi thogainn, dh'fhalbhainn
Haoi ò thogainn agus haoi thogainn, dh'fhalbhainn
BÃ thaidh mi 'n Loch Luicheart thu 's chan fhaigh do chuideachd lorg ort.
Leanabh beag 's e cas-ruisgte air a phasgadh ann an clobhda,
Stail is prìne-banaltrum ceangailte mun chom aig';
Nuair fhuair mi air a chasan e, 's ann labhair e gu pongail
A' mallachadh nan caileagan a chuir sa pharsail thall e.
"A leanaibh bhig," thuirt mise ris, "Dè idir chuir an taobh-s' thu?
Cò chuir dhan pharsail thu an-diugh thà inig gam ionnsaidh?
Nach toir thu ainm do mhà thar dhomh, 's gun cà inich mi aig cùirt i,
Ciamar idir a rà inig thu an t-à ite seo gun mhùchadh!"
Mo mhùchadh cha b' urrainn dhaibh ged bha iad uile deònach,
Nuair phaisg iad am measg phuddings mi 's gach luideag a bha còmh' rium
A' lèine bha mun cuairt orm 's mu m' uachdar fhuair mi sgòd dhith,
'S gun ghabh mi dòthas philleachan an Inbhir Nis a' bhòn-dè.
Coma leat dhed philleachan, ach innis dhomh gun dearmad,
Dè chuir gam ionnsaidh thu 's gun dùil a'm riut cho anmoch;
Nach toir thu ainm 's do shloinneadh dhomh 's na choinnich riut bho dh'fhalbh thu
Ma rach mi thar a' mhonaidh chun a' pholasmain an Garbh leat.
Gu polasman chan fhalbh thu leam 's chan fhaic thu Garbh am bliadhna,
Stad gun innis mi stòiridh dhut gu dòigheil ann am briathran;
'S ann ort a dh'fhà g mo mhà thair mi mun d' thà rr mi tigh'nn am fianais,
'S chan urrainn dhomhs' a mhathachadh an tu a b' athair riamh dhomh.
Chan aithnichinn do chuideachd ged bhiodh iad uil' an là thair,
Chan eil fhios agam air thalamh cò 's athair dhut no mà thair;
Ach mar do mheall mo bharail mi 's cha bhithinn fada ceà rr ann,
Gur ann an ceann Ardross Street as a' Hostel a chaidh d' Ã rach.
Ciamar a bhuail thu 'n t-à ite sin 's gach ceà rn tha fo na speuran,
Feumaidh gura h-aithne dhut na caileagan gu lèir ann.
'S e tè dhuibh sin as mà thair dhomh, 's a dh'à raich mi, 'n diol-dèirig,
'S a chuir an-diugh gad ionnsaigh mi an dùil gun biodh tu rèidh rium.
Cha bhi mi rèidh rim mhaireann riut cho fad' s a bhios tu là mh rium!
'S fheà rr dhut a dhol dhachaidh tacan, maille ri do mhà thair,
Innis dhith na labhair mi 's nach gabh mi gu là bhrà th riut
'S gun till i dhan a "Wooli" thu o nach urrainn dhòmh-sa d' à rach.

Rugadh Catriona NicLeòid ann an Àird Mhighe, Leacan Lì ann am Bà igh na Hearadh, air 26 Mà irt, 1931. B' e Fionnlaigh Feargustan, Fionnlaigh Dhòmhnaill Raghnaill, ...
Fiosrachadh air Catriona NicLeòid / Learn more about Catriona NicLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.