
Rugadh Sèonaid NicDhòmhnaill ann an Tobar Mhoire air 13 Mà rt, 1946. 'S ann à Àird na Murchan a bha cuideachd a mà thair, Sybil NicEanraig, agus bhuineadh a h-athar, Seumas Tandy, do Widnes, ann an Lancashire. Bha Seumas stèidhichte ann an Tobar Mhoire aig à m a' chogaidh, còmhla ris a' Nèibhidh agus 's ann mar sin a choinnich a pà rantan. Canaidh Seònaid gur e fìor Cheilteach a th' innte oir, air taobh a h-athair, b' e Èireannach a bha na seanar agus b' ann às A' Chuimrigh a bha a seanmhar.
Chaidh Seònaid do Bhun-sgoil Thobar Mhoire agus do dh'Àrd-sgoil an Òbain airson trì bliadhna agus an dèidh an sgoil fhà gail chaidh i do dh'Oilthigh Dhùn Èideann far do cheumnaich i ann am Matamataig agus Gà idhlig. An dèidh a trèanadh a chrìochnachadh thug i bliadhna a' teagaisg anns an Òban.
Phòs Seònaid agus Eà rdsaidh Dòmhnallach às an Òban agus chaidh iad a dh'fhuireach do Thobar Mhoire. Tha ceathrar mhac aca a tha an-diugh sgapte eadar Glaschu, Lunnainn, Pà islig agus Astrà ilia.
Ann an 1971 thà inig Seònaid, Seonag NicChoinnich, nighean leis an fhìdhleir ainmeil Pibroch MacKenzie, agus Daibhidh Williamson còmhla mar bhuidheann fon t-ainm The Sound of Mull airson pà irt a ghabhail ann am Mòd Ionadail Mhuile. Trì bliadhna an dèidh sin choisinn iad a' chiad à ite ann an co-fharpais nan còmhlan aig a' Mhòd Nà iseanta ann an Dùn Dèagh. Bha iad gu tric air à rd-ùrlar agus rin cluinntinn air rèidio agus telebhisean suas chun nan ceithir ficheadan. Rinn iad dà chlà r, agus tha CD de dh'òrain air an taghadh bho na clà ir sin ga reic fhathast.
Bha Seònaid a' teagaisg ann an Sgoil Thobar Mhoire, an toiseach Matamataig agus Beurla agus an uair sin Gà idhlig, gus an do leig i dhith a dreuchd ann an 2001. A dh'aindeoin sin 's ann a tha i a-nise nas trainge na bha i riamh roimhe.
Tha i ag oideachadh oileanaich an t-Sabhail Mhòir a tha air An Cùrsa Inntrigidh agus cùrsaichean eile. Tha i a' cuideachadh a' ruith Mòdan Ionadail na Dòirlinn, Fèis Mhuile agus an sàs ann an Co-roinn Gà idhlig Mhuile agus Idhe.
Bha Seònaid gu tric a' gabhail pà irt ann am mòdan ionadail agus nà iseanta agus ann an 1984 choisinn i am Bonn Òr aig a' Mhòd Nà iseanta ann an Inbhir Nis. Bha i na ball den chòisir mhnathan Atomic Piseag, ach tha i cho trang agus gum b' fheudar dhith sin a' leigeil seachad. Tha i fhathast a' seinn còmhla ri Còisir an Eilein Mhuilich agus 's i an leughadair Gà idhlig aca, agus tha i na stiùiriche aig a' Chomunn.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.