Rugadh Uilleam MacDhunlèibhe anns an t-Sultain 1808 ann an Cill an Rubha an Ìle.
Bha athair, Seumas, na shaor, ag obair do Bhaltair Caimbeul leis an robh oighreachd Ìle. B' e Cairistìona NicPhà idein ainm a mhà thair agus chaidh Uilleam a thogail air Tuathanas Gartmain, faisg air A' Bhogha Mhòir.
Na òige, tha e coltach gu robh e caran luaisgeanach, gun mòran ùidh san sgoil. Thòisich e na bhuachaille chruidh 's e gu math òg ach, an dèidh sin, thug e a-mach a cheà ird mar thà illear.
Dh'fhà g e Ìle agus chuir e ùine seachad ag obair ann an diofar à iteachan, mar eisimpleir Dùn Bhreatainn, An t-Arar, Cuimrigh an Siorrachd Pheairt agus Srath Èireann, far na thachair e ri bhean. Rinn iad an dachaigh ann an Grianaig agus an uair sin an Glaschu, agus sin far an do chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha, ag obair na thà illear.
Bha ùidh shònraichte aige ann an seann eachdraidh na h-Alba, gu h-à raidh eachdraidh nan Gà idheal. Dh'ionnsaich e mu eachdraidh nan Ceilteach agus cà nanan Eòrpach leithid Laidinn, Frangais agus Grèigis.
B' e Nà iseantach a bha ann an Uilleam, gu mòr air taobh na Gà idhlig, agus dh'fhoillsich e Vindication of the Celtic Character ann an 1850. Sgrìobh e eachdraidh de dh'Alba cuideachd ach cha deach ach pà irtean dheth a chlò-bhualadh.
Tha an ùidh a bha aige ann an seann eachdraidh follaiseach ann an cuid de chuspairean a bhà rdachd, mar eisimpleir 'Na Lochlannaich an Ìle', 'Cath Monadh Bhraca', 'Blà r Dhail Rìgh', 'Cath Allt a' Bhannaich' agus 'Blà r Thrà igh Ghruinneard'.
An-diugh tha MacDhùnlèibhe nas ainmeil airson a' bhà rdachd a rinn e, leithid Fios Chun a' Bhà ird, mu ana-ceartasan a latha fhèin na tha e airson nan dà n fhada, ghaisgeil.
Chaidh cruinneachadh de a chuid bà rdachd, Duain agus Ã’°ù²¹¾±²Ô, deasaichte leis an t-Urramach Raibeart Blair, a chur an clò ann an 1882 leis a' Chomann ÃŒleach.
Chaochail Uilleam MacDhùnlèibhe gu h-obann san Iuchar, 1870, 's chaidh a thiodhlacadh ann an cladh Janefield air taobh an ear Ghlaschu.
Tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek, anns an leabhar aige Tuath is Tighearna (Scottish Gaelic Texts Society, 1995), a' cumail a-mach gur h-iongantach mur do sgrìobh MacDhùnlèibhe an t-òran cumhachdach Fios Chun a' Bhà ird an dèidh do ghrunn dhaoine à "ceà rn na h-Oa", an iar dheas Ìle, falbh nan eilthirich a Chanada ann an 1862-63 mar thoradh air poileasaidhean air an oighreachd aig Iain Ramsay of Kildalton.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.