Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacDhùnlèibhe agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa agus Anna Nic na Ceà rdaich.
This is a song written by: Uilleam MacDhùnlèibhe and sung by: Anna Latharna NicGillìosa and Anna Nic na Ceà rdaich.
Tha a' mhadainn soilleir grianach
'S a' ghaoth 'n iar a' ruith gu rèidh;
Tha an linne sleamhainn sìochail
On a chiùinich strì nan speur;
Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
'S cha chuir sgìos i dh'iarraidh tà mh;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
A' toirt an fhios seo chun a' Bhà ird.
Seo crùnadh mais' a' mhìos
San tèid don dìthreabh treudan bhò,
Do ghlinn nan lagan uaigneach
Anns nach cuir 's nach buainear pòr,
Leab-innse buar nan geum -
Cha robh mo roinn diubh 'n-dè le cà ch;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Tha mìltean sprèidh air faichean,
'S caoraich gheal' air creachain fhraoich,
'S na fèidh air stùcan fà sail,
Far nach truaillear là r na gaoith;
An sìolach fiadhaich neartmhor
Fliuch le dealt na h-oiteig thlà ith;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Tha an còmhnard 's coirean garbhlaich,
Còrs na fairg' 's gach grà inseach rèidh,
Le buaidhean blà ths na h-iarmailt
Mar a dh'iarramaid gu lèir;
Tha 'n t-seamair fhiadhain 's neòinean
Air na lòintean feòir fo bhlà th;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Na caochain fhìor-uisg' luath
A' tighinn a-nuas o chùl nam mà m
Bho lochain ghlan' gun ruadhan
Air na cruachan fad' on trà igh;
Far an òl am fiadh a phailteas,
'S bòidheach ealtan lach gan snà mh;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Tha bogha mòr an t-sà ile
Mar a bha le reachd bithbhuan,
Am mòrachd maise nà dair
'S a cheann-Ã rd ri tuinn a' chuain -
A rìomball geal seachd mìle,
Gainmhean sìobt' o bheul an là in;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Na dùilean, stèidh na cruitheachd,
Blà ths is sruthan 's anail neul,
Ag altram lusan ùrail
Air an laigh an driùchd gu sèimh,
Nuair a thuiteas sgà il na h-oidhche
Mar gum b' ann a' caoidh na bha;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Ged a roinneas gathan grèine
Tlus nan speur ri blà th nan lòn,
'S ged a chìthear sprèidh air à irigh,
Is buailtean là n de dh' à lach bhò,
Tha Ile 'n-diugh gun daoine,
Chuir a' chaor' a bailtean fà s;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Ged thig à nrach aineoil
Gus a' chaladh 's e sa cheò,
Chan fhaic e soills' on chagailt
Air a' chladach seo nas mò;
Chuir gamhlas Ghall air fuadach
Na tha bhuainn 's nach till gu brà th;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Ged a thogar feachd na h-Alb',
As cliùiteach ainm air faich' an à ir,
Bithidh bratach fhraoich nan Ileach
Gun dol sìos ga dìon le cà ch;
Sgap mìorun iad thar fairge,
'S gun ach ainmhidhean balbh nan à it';
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Tha taighean seilbh na dh'fhà g sinn
Feadh an fhuinn nan cà rnan fuar;
Dh'fhalbh 's cha till na GÃ idheil;
Stad an t-Ã iteach, cur is buain;
Tha stèidh nan là rach tiamhaidh
A' toirt fianais air 's ag rà dh,
"Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird".
Cha chluinnear luinneag òighean,
Sèist nan òran air a' chlèith,
'S chan fhaicear seòid mar b' à bhaist
A' cur bà ir air faiche rèidh;
Thug ainneart fògraidh uainn iad;
'S leis na coimhich buaidh mar 's à ill;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Biodh am fios seo aig a' Bhà ird.
Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
No 'm fear-astair fois o sgìos,
No soisgeulach luchd-èisdeachd;
Bhuadhaich eucoir, Goill is cìs;
Tha an nathair bhreac 'na lùban
Air na h-ùrlair far an d'fhà s
Na fir mhòr' a chunnaic mise;
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.
Lomadh ceà rn na h-Oa,
An Lanndaidh bhòidheach 's Roinn MhicAoidh;
Tha 'n Learga ghlacach ghrianach
'S fuidheall cianail air a taobh;
Tha an Gleann 'na fhiadhair uaine
Aig luchd-fuath gun tuath, gun bhà rr;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhà ird.

'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceà rdaich ach buinidh a teaghlach do Bharraigh. Bha i a' cosnadh dhuaisean aig Mòdan bho bha ...
Fiosrachadh air Anna Nic na Ceà rdaich / Learn more about Anna Nic na Ceà rdaich
Tha an t-Oll. Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gà idhlig agus caochladh chà nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosaCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.