Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1377

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1377. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 7 Dec 2025 13:55

Clip

Litir 1377: Loch Drongaidh

Uaireannan, bidh sinn a’ cluinntinn fiosrachadh fuadain co-cheangailte ri dualchas nan Gàidheal. Tha cuimhne agam, nuair a bha mi anns na Tròisichean turas, gun deach mi gu loch brèagha ris an canar Loch Drunkie. Tha e faisg air Obar Phuill. Ann am Beurla, thathar a’ litreachadh ainm an locha D-R-U-N-K-I-E. 

Tha cuid ag ràdh gu bheil an t-ainm a’ cuimhneachadh mar a chuir feadhainn baraillean uisge-bheatha don loch. Bha iad a’ dèanamh uisge-beatha gu mì-laghail agus bha na gèidsearan an tòir orra. B’ iad sin na ‘drunkies’. Tha am mìneachadh sin car annasach oir nach eil e follaiseach gur e ainm-àite Gàidhlig a th’ ann an Loch Drunkie? Tha am facal drongaire againn, ceart gu leòr, ach ‘drunkie’?

Thuirt cuideigin rium gur e ainm Gàidhlig a bh’ ann ach gun robh e a’ tighinn bhon fhacal drong, a’ ciallachadh ‘ciste’ no ‘bogsa’. Bha ciste de dh’ionmhas air a tilgeil don loch uaireigin, a rèir an duine sin.

Tha an t-ainm seo a’ nochdadh air làrach-lìn na buidhne-rannsachaidh, Ainmean-Àite na h-Alba. Tha iadsan ga eadar-theangachadh mar ‘loch of the place called Drongaidh’; ʼs e Loch Drongaidh dreach an ainm ann an Gàidhlig. Tha Ainmean-Àite na h-Alba ag innse dhuinn gu bheil e a’ nochdadh an toiseach mar Lochdrungy anns a’ chòigeamh linn deug agus a-rithist mar Loch Dronky anns an t-siathamh linn deug. Bha an t-ainm ann fada mus robh na gèidsearan ann – chanainn anns an ochdamh linn deug.

Agus Drongaidh fhèin? A rèir Iain Mhic an Tàilleir, ann am Place-Names of Scotland, math dh’fhaodte gu bheil e a’ ciallachadh ‘ridge place’.

Dè an sgeul a tha luchd-turais a’ cluinntinn mun ainm? Tha droch amharas agam gum bi cuid co-dhiù a’ cluinntinn gur e ainm Beurla a th’ ann co-cheangailte ri deoch-làidir. 

Agus tha sin gam thoirt gu leabhar ùr. Tha e làn fiosrachaidh dhen t-seòrsa a bu chòir do luchd-turais a bhith a’ cluinntinn. Fiosrachadh ceart. Fiosrachadh mun Ghàidhealtachd air a chur ri chèile le cuideigin a tha eòlach, agus aig a bheil Gàidhlig.

Is esan Coinneach MacGill-Eain. Buinidh e do theaghlach Gàidhealach cliùmhor. Thogadh e ann an Uibhist a Deas agus tha e a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach. Tha e air a bhith an sàs ann an turasachd agus chunnaic e mar a bha luchd-turais uaireannan a’ faighinn fiosrachadh fuadain mun Ghàidhealtachd.

Mar sin, sgrìobh Coinneach an leabhar ‘Travels in Another Country: A Guide to Gaelic Scotland’. Tha còig ceud duilleag anns an leabhar agus tha e làn fiosrachaidh mu dhualchas na Gàidhlig anns gach sgìre de dh’Alba far an robh an cànan air a bruidhinn no far a bheil i air a bruidhinn fhathast. Chan eil leisgeul tuilleadh aig feadhainn a bheir seirbheis do luchd-turais a bhith aineolach mu dhualchas nan Gàidheal anns an sgìre sa bheil iad a’ fuireach no ag obair.

Tha an leabhar gar toirt, mar gum biodh, air turas tro Alba nan Gàidheal. Tha e a’ tòiseachadh ann an Glaschu – ‘Baile Mòr nan Gàidheal’. Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gu bheil an uiread de dhaoine sa bhaile aig a bheil Gàidhlig air a dhol am meud – còrr is trì mìle ann an deich bliadhna. Tha sin fhèin cudromach ri aithris do dh’Albannaich, a bharrachd air luchd-turais. Bheir sinn sùil air criomag no dhà de Travels in Another Country anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Uaireannan: sometimes; fiosrachadh fuadain: false information; Na Tròisichean: The Trossachs; Loch Drunkie: Loch Drongaidh; Obar Phuill: Aberfoyle; drongaire: drunkard; luchd-turais: tourists; Coinneach MacGill-Eain: Coinneach Maclean; ‘Baile Mòr nan Gàidheal’: ‘the city of the Gaels’.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: thathar a’ litreachadh ainm an locha: the loch’s name is spelt; a’ cuimhneachadh mar a chuir feadhainn baraillean uisge-bheatha don loch: remembering how some folk put barrels of whisky into the loch; làrach-lìn na buidhne-rannsachaidh: the website of a research body; bha an t-ainm ann fada mus robh na gèidsearan ann: the name was in existence long before the excisemen existed; co-cheangailte ri deoch-làidir: connected to alcoholic drink; làn fiosrachaidh dhen t-seòrsa a bu chòir do luchd-turais a bhith a’ cluinntinn: full of information of the type that tourists should be hearing; buinidh e do theaghlach Gàidhealach cliùmhor: he belongs to a prestigious Gaelic family; tha e air a bhith an sàs ann an turasachd: he has been involved in tourism; làn fiosrachaidh mu dhualchas na Gàidhlig anns gach sgìre: full of information about the Gaelic heritage in every region; feadhainn a bheir seirbheis do luchd-turais: those who provide a service to tourists; ag innse dhuinn gu bheil an uiread de dhaoine sa bhaile aig a bheil Gàidhlig air a dhol am meud: tells us that the number of people in the city who have Gaelic has increased; còrr is trì mìle ann an deich bliadhna: more than three thousand in ten years; cudromach ri aithris do dh’Albannaich: important to report to Scots.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Bha ciste de dh’ionmhas air a tilgeil don loch uaireigin: a chest of treasure was thrown into the loch at one time. This is a passive verbal construction which employs the relevant possessive article; literally we are saying ‘a chest was after her throwing’, with ciste being a feminine noun. This is why it is air a tilgeil, not air a thilgeil. We also say don loch or dhan loch for ‘into the loch’, rather than anns an loch which carries the sense of the action taking place entirely in the loch, rather than into the loch from outside.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chan eil leisgeul tuilleadh aig X: X no longer have an excuse.

Broadcast

  • Sun 7 Dec 2025 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast