Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1378
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1378. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 14 Dec 2025
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1074
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1378
Duration: 05:00
Litir 1378: Travels in Another Country
Chan ann tric a chluinneas no a leughas sinn bà rdachd Ghà idhlig a tha a-mach air rùrachd – no foraging. Tha mi a’ ciallachadh le sin cruinneachadh, mar eisimpleir, dhearcan no measan eile, seach a bhith a’ sealg nam fiadh no ag iasgach nam breac. Tuigidh sibh gun robh mi gu math toilichte nuair a leugh mi dà n à Siorrachd Pheairt anns a bheil a’ bhana-bhà rd a’ dèanamh iomradh air rùrachd.
ʼS i Mairearad Ghriogarach a sgrìobh an dà n. Tha e am measg trithead ʼs a ceithir òrain a sgrìobh i. Bha Mairearad beò eadar meadhan an ochdamh linn deug agus trà th san naoidheamh linn deug.
Thogadh i ann an Garbh-chrìochan Pheairt – am measg nan Gà idheal. Bha a h-athair à Brà igh Raineach. Nuair a chaidh i gu foghlam agus dreuchd ann am Baile Pheairt, bha an cianalas oirre – agus sgrìobh i mu dheidhinn. Seo an dà rna agus treas rann de dh’aon dà n a sgrìobh i. Èistibh airson nam faclan – dearcan ‘berries’ agus meas ‘fruit’:
Thug mi tamall an toiseach gun sprochd orm no sgìths,
Rè an latha ri fuaigheal, gun smuaineach’ air nì,
Gus an cual’ mi na dearcan bhith gan reic airson fiach,
Ghrad-bhuail e am bheachd-sa, Coire Bhacaidh nam fiadh.
ʼS truagh gun bhith an Leitir Dhubh Lachlainn, ʼs ann a chaisginn mo mhiann,
Gheibhte iomadach meas ann, gun neach a’ farraid am prìs;
Coire gaolach mo chridh’ am biodh iasg is sitheann gun dìth,
Meug is bainne gun airceas, ʼs cha b’ iad na drapagan tì.
Tha Mairearad a’ cuimhneachadh mar a bhiodh i a’ faighinn nan dearcan an-asgaidh nuair a bha i a’ fuireach sna Garbh-chrìochan. Tha i air a tà mailteachadh gun robh aice ri pà igheadh air an son ann am Baile Pheairt.
Thà inig an dà n seo gu m’ aire nuair a bha mi a’ leughadh an leabhair a dh’ainmich mi anns an Litir mu dheireadh – Travels in Another Country: A Guide to Gaelic Scotland le Coinneach MacGill-Eain. Tha an leabhar là n fiosrachaidh mu dhualchas nan Gà idheal anns gach sgìre far an robh a’ Ghà idhlig ga bruidhinn. Bidh am fiosrachadh feumail do dhaoine a tha a’ toirt seachad seirbheis do luchd-turais anns an latha an-diugh – agus san latha a-mà ireach.
Na chunntas mu Shiorrachd Pheairt, tha Coinneach ag innse dhuinn mu mhairsinneachd na Gà idhlig anns an fhicheadamh linn, mu eachdraidh nam madaidhean-allaidh, mu Dhiùcan Athall, agus cuid dhiubh taiceil don Ghà idhlig, Gà idheil san arm, Beul-aithris na sgìre, Clach Sgà in agus grunn rudan eile. Tha bà rdachd Mairearad Ghriogarach am measg sin.Â
Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn mar a chuala e neach-iùil ag innse do luchd-turais nach robh cà il ri fhaicinn air an rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt, agus nach robh ainm-à ite Gà idhlig ann deas air Athall. Tha Coinneach còir a’ cur sin ceart!
Mo bheannachd aige airson an leabhar seo a sgrìobhadh. Cho luath ʼs a chluinneas sinn daoine ag rà dh, ‘Cha robh Gà idhlig riamh air a bruidhinn an seo’, faodaidh sinn an stiùireadh chun an leabhair seo. Eadar Baile Dhùn Èideann agus Eilean Leòdhais mu thuath, eadar Gall-Ghà idhealaibh agus Siorrachd Obar Dheathain, tha dualchas Gà idhealach ann as fhiach a thaisbeanadh do luchd-turais agus dhuinn fhèin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Siorrachd Pheairt: Perthshire; Mairearad Ghriogarach: Margaret MacGregor; Coinneach MacGill-Eain: Coinneach Maclean; mairsinneachd: survival; Clach Sgà in: The Stone of Scone [Destiny].
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Chan ann tric a chluinneas no a leughas sinn bà rdachd Ghà idhlig a tha a-mach air rùrachd: it’s not often we hear or read Gaelic poetry that is on about foraging; cruinneachadh dhearcan no measan eile: gathering berries or other fruit; a’ dèanamh iomradh air: making mention of; bha a h-athair à Brà igh Raineach: her father was from the Braes of Rannoch; bha an cianalas oirre: she was homesick; thug mi tamall an toiseach gun sprochd orm no sgìths: I spent a while to begin with, without suffering dejection or weariness; rè an latha ri fuaigheal, gun smuaineach’ air nì: sewing all day and thinking of nothing; gus an cual’ mi na dearcan bhith gan reic airson fiach: till I heard berries were being sold for a price; ghrad-bhuail e am bheachd-sa, Coire Bhacaidh nam fiadh: I suddenly recalled Coire Bhacaidh of the deer; ʼs truagh gun bhith an X, ʼs ann a chaisginn mo mhiann: it's a shame not to be in X, that’s where I would quench my desire; gheibhte iomadach meas ann, gun neach a’ farraid am prìs: many fruits would be got there, without anybody asking their price; am biodh iasg is sitheann gun dìth: where fish and venison are plentiful; meug is bainne gun airceas, ʼs cha b’ iad na drapagan tì: whey and milk without scarcity, and not drops of tea; air a tà mailteachadh: horrified; deas air Athall: south of Atholl; as fhiach a thaisbeanadh: worth displaying.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Thogadh i ann an Garbh-chrìochan Pheairt – am measg nan Gà idheal: she was brought up in Highland Perthshire – among the Gaels. This name for the Gà idhealtachd of Perthshire is the one used by Coinneach Maclean in his book. Garbh-chrìochan ‘rough territories’ is an old name for the Highlands (before they became associated with the Gà idhealtachd i.e. when Gaelic was still spoken in parts of the Lowlands). It is most frequently heard today as a name for the rugged area of the Western Highlands which includes Moidart and Knoydart.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a tha a’ toirt seachad seirbheis do luchd-turais anns an latha an-diugh – agus san latha a-mà ireach: who provide a service to tourists today – and tomorrow.
Broadcast
- Sun 14 Dec 2025 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.