Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1396
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1396. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 19 Apr 2026
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1092
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1396
Duration: 05:07
Litir 1396: MÃ iri NicEalair (4)
Anns a’ chunntas-sluaigh nà iseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1881), chaidh dreuchd Mà iri NicEalair a chlà radh mar ‘Poetess and Litterateur’.
Ged a bha i a’ fàs ainmeil, agus i air leabhar aig a’ Bhanrigh eadar-theangachadh gu Gà idhlig, bha aice ri bith-beò a dhèanamh. Mar sin, sgrìobh i alt Gà idhlig, a’ brosnachadh dhaoine gus à rachas-beatha a thoirt a-mach. Sgrìobh i leabhar-iùil Beurla: ‘Guide to Fort William and Lochaber’. Agus chuir i ri chèile an leabhran: ‘A Tourist’s Hand-book of Gaelic and English Phrases’. Chaidh leabhar aice – Poems and Songs, Gaelic and English – fhoillseachadh ann an ochd ceud deug is ochdad (1880).
Sgrìobh i ficsean a nochd ann am pà ipearan-naidheachd, agus sgrìobh i altan mu na Camshronaich ann an Tìm an Òbain. Chruinnich i beul-aithris, ach tha amharas ann gun deach gu leòr dheth sin a chall an dèidh a bà is. Chaochail i as t-Sultain ochd ceud deug is naochad (1890). Chaidh a tiodhlacadh ann an Cladh Chill Mhà ilidh ann an Loch Abar, am measg nan daoine aice fhèin – na Camshronaich.
Bha a’ bhana-bhà rd Sgitheanach, Mà iri Mhòr nan Òran, gu math measail air Mà iri NicEalair. Ach chan eil a’ Mhà iri Abrach cho ainmeil an-diugh ris a’ Mhà iri Sgitheanach. Ge-tà , dh’fhà g i tòrr stuth sgrìobhte againn mar dhìleab.
Bu mhath leam innse dhuibh mu phà ipear a sgrìobh i do Chomunn Gà idhlig Inbhir Nis. ’S e an t-ainm a th’ air ‘The Sheiling: Its Traditions and Milking Songs’.
 Chuala mi gun robh na seann daoine a’ creidsinn gur e deagh-mhanadh a bh’ ann nam biodh gobhar-adhair – no naosg – ag èirigh ron chrodh nuair a bha iad air an rathad don à irigh. Tha Mà iri a’ mìneachadh mar seo e: ‘b’ e an naosg an t-eun a bu bheannaichte ris an tachradh iad oir bhathar a’ creidsinn gun do thachair e ri Moire nuair a bha i air an rathad gu uaigh Ìosa air a’ mhadainn a dh’èirich E gu Nèamh.’
Anns a’ phà ipear, tha Mà iri a’ mìneachadh mar a bha na boireannaich a’ dèanamh ìm agus cà ise air an à irigh. Agus tha i ag innse sgeul mu stòl-bleoghainn a bha co-cheangailte ris a’ Phrionnsa Òg, Teà rlach Eideard Stiùbhart.
Chunnaic Mà iri an stòl ann an taigh a caraid, Alasdair MacIlleMhìcheil, ann an Dùn Èideann. Bha e uaireigin ann am bothan-à irigh – saoilidh mi ann an Uibhist. An dèidh Blà r Chùil Lodair, thà inig coigreach a-steach don bhothan far an robh triùir chloinn-nighean. Shuidh e sìos air an stòl agus ghabh e deoch bainne. Cha robh fios aig a’ chloinn-nighean cò bh’ ann gu an dèidh là imhe.
Nuair a fhuair iad a-mach gur e am Prionnsa a bh’ ann, bha na nigheanan a’ sabaid mu cò ghleidheadh an ‘rìgh-chathair’, mar a thuirt iad fhèin. Bha còmhstri ann agus chaill tè de na nigheanan fiacail. Leig an dithis eile leis an nighinn sin an stòl a chumail. Chaidh a ghleidheadh anns an teaghlach aice. Thug cuideigin ann an sliochd na h-ìghne gu Alasdair MacIlleMhìcheil e. Tha an stòl an-diugh ann an Taigh-tasgaidh Taobh an Iar na Gà idhealtachd anns a’ Ghearasdan. Saoilidh mi gum biodh Mà iri NicEalair gu math toilichte gu bheil e a-nise anns a’ bhaile anns an do rugadh I.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Mà iri NicEalair: Mary MacKellar; ficsean: fiction; Camshronaich: Camerons; Alasdair MacIlleMhìcheil: Alexander Carmichael; Blà r Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Taigh-tasgaidh Taobh an Iar na Gà idhealtachd: The West Highland Museum.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an cunntas-sluaigh nà iseanta: the national census; a’ fàs ainmeil, agus i air leabhar aig a’ Bhanrigh eadar-theangachadh: becoming well-known, having translated a book by the Queen; bha aice ri bith-beò a dhèanamh: she had to make a living; a’ brosnachadh dhaoine gus à rachas-beatha a thoirt a-mach: encouraging people to take out life insurance; gun deach gu leòr dheth sin a chall an dèidh a bà is: that much of that was lost after her death; chaidh a tiodhlacadh ann an Cladh Chill Mhà ilidh: she was buried in Kilmallie Cemetery; chan eil a’ Mhà iri Abrach cho ainmeil ris a’ Mhà iri Sgitheanach: the Lochaber Mary is not as famous as the Skye Mary; saoilidh mi gun toir acadamaigich sùil às ùr air a cuid sgrìobhaidh: I reckon academics will re-examine her writing; gur e deagh-mhanadh a bh’ ann nam biodh naosg ag èirigh ron chrodh: that it was a good omen if a snipe arose in front of the cattle; an t-eun a bu bheannaichte ris an tachradh iad: the most blessed bird they would meet; gun do thachair e ri Moire nuair a bha i air an rathad gu uaigh Ìosa: that it met with [the Virgin] Mary on her way to Jesus’s grave; a’ mhadainn a dh’èirich E gu Nèamh: the morning He rose to Heaven; tha òrain aice a bhite a’ seinn ann: she has songs that would be sung there; stòl-bleoghainn a bha co-cheangailte ris a’ Phrionnsa Òg: a milking stool that was connected to Bonnie Prince Charlie; cò bh’ ann gu an dèidh là imhe: who it was until afterwards; bha na nigheanan a’ sabaid mu cò ghleidheadh an ‘rìgh-chathair’: the girls were fighting about who would keep the ‘throne’; cuideigin ann an sliochd na h-ìghne: somebody among the girl’s descendants.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: far an robh triùir chloinn-nighean: where there were three girls. The numerical nouns (dithis, triùir, ceathrar etc.) command a noun in the indefinite genitive plural case (e.g. dithis mhac). With the noun clann, which cannot be pluralised (as it has a plural meaning), we say triùir chloinne – with clann in its lenited genitive (singular) form. However, when clann is part of a compound noun as in clann-nighean ‘girls’, we drop the terminal ‘e’ before the second element in the compound – thus triùir chloinn-nighean.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: air an à irigh: at the shieling.
Broadcast
- Sun 19 Apr 2026 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.