Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1397
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1397. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sunday
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1093
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1397
Duration: 05:09
Litir 1397: Brot Cuilinn
Bha latha ann, agus chan eil e fada bhuaithe, nuair a bha tuathanaich agus croitearan gu math eòlach air ‘AI’. Anns an latha an-diugh, ma nì sibh rannsachadh air an eadar-lìon fo ‘farming and AI’, gheibh sibh fiosrachadh mu ‘Artificial Intelligence’ seach ‘Artificial Insemination’.
Tha an saoghal didseatach a’ sìor atharrachadh. Agus tha a’ Ghà idhlig an lùib nan atharrachaidhean. Tha goireasan eadar-theangachaidh ann – Beurla gu Gà idhlig – ach feumaidh sinn a bhith faiceallach ma tha sinn gan cur gu feum.
An latha eile, thà inig mi tarsainn air abairt air an eadar-lìon. Cha robh mi buileach ga thuigsinn anns a’ chiad dol a-mach. B’ e an abairt Brot Cuilinn. Seadh – Brot Cuilinn – C.U.I.L.I.N.N. ’S e biadh Albannach ainmeil a th’ ann.
Nise, air a’ chiad shealladh, tha ‘brot cuilinn’ a’ ciallachadh ‘holly soup’. Tha cuileann a’ ciallachadh ‘holly’. Craobh-chuilinn – a holly tree. Cha bhiodh sin ro bhlasta, chanainn! Agus chan e sin a th’ ann.Â
Mus mìnich mi an gnothach, tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a nì sibh Brot Cuilinn. Math dh’fhaodte gun tuig sibh an uair sin dè th’ ann. Bruichibh adag smocte ann an uisge. Ann am pana eile, bruichibh uinneanan sgudaichte ann an ìm. Bruichibh buntà ta ciùbaichte anns an dà rna pana agus cuiribh a h-uile rud còmhla. Dìreach mus cuir sibh am brot ann am bobhla, cuiribh bainne no uachdar ris agus measgaichibh a h-uile rud còmhla.
’S e an rud as cudromaiche ann am Brot Cuilinn – an adag smocte no smoked haddock. Tuigidh sibh gur e brot èisg a th’ ann am Brot Cuilinn. Ach dè tha ‘cuilinn’ a’ ciallachadh?
Ann am Beurla, canaidh sinn ‘Cullen skink’ ris a’ bhrot seo. ’S e skink seann fhacal Albais a tha a’ ciallachadh ‘brot’. Agus ’s e Cullen baile beag air costa Mhoireibh, le beagan is mìle duine a’ fuireach ann. ’S e baile iasgaich a bh’ ann uaireigin.Â
Nise, cò às a thà inig an t-ainm-à ite, Cullen? Thathar a’ smaoineachadh gur ann bhon Ghà idhlig a thà inig e. Cha bu chòir sin a bhith na iongnadh. Tha ainmean-à ite gu leòr ann am Moireibh a thà inig bhon Ghà idhlig.
’S e Invercullen a bh’ air Cullen uaireigin ann am Beurla. Tha sgoilearan a’ dèanamh dheth gun robh Invercullen a’ riochdachadh Inbhir Cuilinn, a’ ciallachadh ‘the mouth of the holly stream’. Ged as e ‘Burn of Cullen’ a th’ air an allt an-diugh, tha dùil gur e Allt Cuilinn no Allt a’ Chuilinn a bh’ air nuair a bha Gà idhlig air a bruidhinn anns an sgìre.
Tuigidh sibh a-nise carson as e Brot Cuilinn a gheibh sibh air an eadar-lìon nuair a chuireas sibh a’ cheist ‘what’s the Gaelic for Cullen skink?’ Tha muinntir an à ite moiteil as a’ bhrot ainmeil aca. A h-uile bliadhna, bidh farpais mhòr ann, agus daoine ga frithealadh à iomadh ceà rn is dùthaich air feadh an t-saoghail. Is i sin The Cullen Skink World Championships – no mar a chanamaid, math dh’fhaodte, ann an Gà idhlig – Farpais-Chruinne Brot Cuilinn.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: tuathanaich agus croitearan: farmers and crofters; goireasan eadar-theangachaidh: translation facilities; uinneanan sgudaichte: chopped onions; buntà ta ciùbaichte: potato cut into cubes.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha latha ann, agus chan eil e fada bhuaithe: there was a day, not so far back; gheibh sibh fiosrachadh mu: you’ll get information about; dìreach sin, mar a thuirt am bodach eile: just so, as the other guy said (an ironic comment); tha a’ Ghà idhlig an lùib nan atharrachaidhean: Gaelic is caught up in the changes; feumaidh sinn a bhith faiceallach ma tha sinn gan cur gu feum: we have to be careful if we are using them; cha robh mi buileach ga thuigsinn anns a’ chiad dol a-mach: I wasn’t fully understanding it initially; bruichibh adag smocte: cook smoked haddock; dìreach mus cuir sibh am brot ann am bobhla: just before you put the soup in a bowl; cuiribh bainne no uachdar ris: add milk or cream to it; measgaichibh a h-uile rud còmhla: mix everything together; baile beag air costa Mhoireibh, le beagan is mìle duine a’ fuireach ann: a wee town on the Moray coast, with a bit over a thousand people living there; tha dùil gur e X a bh’ air nuair a bha Gà idhlig air a bruidhinn anns an sgìre: it is thought that it was called X when Gaelic was spoken in the area; moiteil as a’ bhrot ainmeil aca: proud of their famous soup; bidh farpais mhòr ann, agus daoine ga frithealadh à iomadh ceà rn is dùthaich air feadh an t-saoghail: there is a great competition, with people attending it from many corners and lands throughout the world.
Puig-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Tha an saoghal didseatach a’ sìor atharrachadh: the digital world is continually changing. Sìor is a very useful adjective, adjective modifier or adverb that precedes (and lenites) the noun or verb/verbal noun. It means continual(ly), perpetual(ly), incessant. ʼS e seo gaol a tha sìor-bheò ‘this is everlasting love’; ʼs e sìor-ghalar a th’ ann ‘it’s a chronic illness’; tha bà raichean teoclaid a’ sìor dhol an lughad ‘chocolate bars are forever diminishing in size’ (suffering ‘shrinkflation’).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: air a’ chiad shealladh: upon first view [‘the initial impression’].
Broadcast
- Sunday 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.