Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1398
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1398. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Yesterday
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1094
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1398
Duration: 05:09
Litir 1398: Mo Rùn Geal Dìleas
Cha tà inig ³Ù°ùà ¾±²µ³ó gun mhuir-là n na dèidh. ’S e sin seanfhacal. Bidh sibh eòlach air an fhacal ³Ù°ùà ¾±²µ³ó, a’ ciallachadh ‘beach, seashore’. Tha i air a cleachdadh gu sònraichte airson ³Ù°ùà ¾±²µ³ó-ghainmhich ‘a sandy beach’.Ìý
Ach tha ³Ù°ùà ¾±²µ³ó stèidhichte air ³Ù°ùà ²µ³ó no traogh a tha a’ ciallachadh ‘ebbing, emptying, draining’. Nuair a tha a’ mhuir air ³Ù°ùà ²µ³óadh, dè tha air fhà gail ach ³Ù°ùà ¾±²µ³ó. Tha ³Ù°ùà ¾±²µ³ó mhòr ann ‘there is a big ebb’.
Air ais don t-seanfhacal, ma-thà . Cha tà inig ³Ù°ùà ¾±²µ³ó gun mhuir-là n na dèidh. Tha e a’ ciallachadh, ‘there was never an ebb that wasn’t followed by a high tide’. Ma tha cùisean air a dhol ìosal agaibh, na gabhaibh dragh – thig piseach orra.
Tha an seanfhacal seo a’ nochdadh anns an òran ‘Mo Rùn Geal Dìleas’. ’S e òran gaoil a th’ ann. Ged a tha e sean, bidh e air a sheinn gu tric fhathast, gu h-à raidh le còisirean. Seo an t-sèist:
Mo rùn geal, dìleas, dìleas, dìleas,
Mo rùn geal dìleas, nach till thu nall?
Cha till mi fhèin riut, a ghaoil, chan fhaod mi,
’S ann tha mi, ghaoil, na mo laighe tinn.
Obh obh, tha e a’ coimhead coltach gun robh am fear a sgrìobh e ann an trom-ghaol le boireannach, agus nach robh slighe a ghaoil rèidh.
Thig mi don ùghdar fhathast. Ach, an toiseach, dè tha an t-òran ag rà dh mu dheidhinn? Uill, tha fios againn gun robh e thall anns na h-Innsean a’ fuireach. Seo an treas rann dhen òran:
Thug mi còrr agus naoi mìosan
Anns na h-Innsean a b’ fhaide thall:
’S bean bòidhchead d’ aodainn cha robh ri fhaotainn
’S ged gheibhinn saoghal, chan fhanainn ann.
Ghabh an t-ùghdar trom-ghaol air cuspair a dhà in. Ach feumaidh nach robh cùisean a’ dol gu math agus dh’fhà g sin inntinn trom. Seo an còigeamh rann:
Thug mi mìos ann am fiabhras claoidhte,
Gun dùil rium oidhche gum bithinn beò:
B’ e fà th mo smaointean a latha ’s a dh’oidhche,
Gum faighinn faothachadh ’s tu bhith ’m chòir.
Cò às a bha an t-ùghdar? Cha robh e a’ fuireach ann an Ìle oir sin far an robh a leannan a’ fuireach. Seo mar a tha sin a’ tighinn am bà rr anns an dà n:
Is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn
A shnà mhadh aotrom air bhà rr nan tonn:
Is bheirinn sgrìobag don eilean Ìleach
Far bheil an rìbhinn dh’fhà g m’ inntinn trom.
Thathar a’ smaoineachadh gun robh an t-òran air a sgrìobhadh le Iain MacIlleathain, fear-taca an Torr Loisgte ann am Muile. Thachair e ri tè òg, Iseabail Chaimbeul, à Bail’ an Àbaidh ann an Ìle, agus bha e ag iarraidh a pòsadh. Cha robh i deònach freagairt a thoirt dha sa mhionaid. Agus ’s e sin a thug air falbh a-null thairis.
Anns an t-siathamh rann, tha e a’ coimhead coltach gu bheil e air gabhail ris nach biodh iad a’ pòsadh a chèile, ged a chì sinn anns an ath Litir, nach e sin am facal mu dheireadh air a’ chùis.
Cha bhi mi strì ris a’ chraoibh nach lùb leam,
Ged chinneadh ùbhlan air bhà rr gach geug;
Mo shoraidh slà n leat ma rinn thu m’ fhà gail,
Cha tà inig ³Ù°ùà ¾±²µ³ó gun mhuir-là n na dèidh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Mo Rùn Geal Dìleas: my faithful fair one; òran gaoil: a love song; fà th mo smaointean: the object of my thoughts; Ìle: Islay; sgrìobag: journey; An Torr Loisgte: Torloisk; Bail’ an Àbaidh: Ballinaby.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Nuair a tha a’ mhuir air ³Ù°ùà ²µ³óadh: when the sea has ebbed; thig piseach orra: they will get better; tha e air a sheinn gu tric fhathast, gu h-à raidh le còisirean: it is still sung, particularly by choirs; obh obh, tha e a’ coimhead coltach gun robh am fear a sgrìobh e ann an trom-ghaol: oh dear, it appears that the man who wrote it was deeply in love; nach robh slighe a ghaoil rèidh: that the path of his love was not smooth; bean bòidhchead d’ aodainn cha robh ri fhaotainn: a woman of the beauty of your face could not be found; ged gheibhinn saoghal, chan fhanainn ann: even if I should have a lifetime, I would not remain there; thug mi mìos ann am fiabhras claoidhte: I spent a month exhausted with fever; gun dùil rium oidhche gum bithinn beò: that one night I did not expect to survive; gum faighinn faothachadh ’s tu bhith ’m chòir: that I would be relieved if you were with me; is truagh nach robh mi an riochd na faoilinn: it’s a pity I wasn’t in the form of a seagull; a shnà mhadh aotrom air bhà rr nan tonn: that would swim lightly on the tops of the waves; an rìbhinn dh’fhà g m’ inntinn trom: the maid that has left my mind heavy; gu bheil e air gabhail ris: that he has accepted; cha bhi mi strì ris a’ chraoibh nach lùb leam: I won’t tussle with the tree that will not bend with me; ged chinneadh ùbhlan air bhà rr gach geug: even though apples would grow on the end of each branch.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: tha fios againn gun robh e thall anns na h-Innsean a’ fuireach: we know that he was living over in the Indies. The standard word order would be ‘gun robh e a’ fuireach thall anns na h-Innsean’ but note that colloquially, in an informal situation, we can put the verbal noun (e.g. a’ fuireach) at the end of the clause.
Seanfhacal na Litreach
Seanfhacal na Litreach: Cha tà inig ³Ù°ùà ¾±²µ³ó gun mhuir-là n na dèidh: there was never an ebb that wasn’t followed by a high tide.
Broadcast
- Yesterday 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.