Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1409
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1409. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 19 Jul 2026
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1105
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1409
Duration: 04:57
Litir 1409: Nether Lochaber (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Alasdair Stiùbhart no, mar a b’ fheà rr a dh’aithnicheadh e, Nether Lochaber. Bha e ainmeil mar sgrìobhadair agus sgoilear na Gà idhlig.
Ann an Courier Inbhir Nis, anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872), sgrìobh e colbh anns an robh fiosrachadh inntinneach mu shaobh-chrà bhadh Gà idhealach. Bha cunntas aige dhen Phrionnsa Òg, Teà rlach Eideard Stiùbhart. An dèidh Blà r Chùil Lodair, bha am Prionnsa am falach còmhla ri Loch Iall, Ceann-cinnidh nan Camshronach. Bha iad a’ fuireach ann an uaimh eadar Loch Airceig agus Loch Lòchaidh.
Bha fios aig aon duine far an robh iad – fear air an robh MacCoinnich mar ainm. Bhiodh esan a’ toirt biadh dhaibh. Bha dùil aig a’ Phrionnsa agus Loch Iall gun robh MacCoinnich a’ cumail a’ ghnothaich dìomhair.
Ach, aon mhadainn, nochd e aig glasadh an latha, agus cha robh e leis fhèin. Thug e leis a mhac nach robh ach sia no seachd bliadhna a dh’aois. Bha Loch Iall feargach mu dheidhinn ach mhìnich MacCoinnich carson a thug e an gille ann.
Bha e a’ fulang le galar ris an canadh iad ‘tinneas an rìgh’. Ann am Beurla, ’s e scrofula no king’s evil a chanar ris. Bha daoine ann an grunn dùthchannan Eòrpach aig an à m sin a’ creidsinn gun robh comas aig rìgh an galar a leigheadh le bhith a’ cur a là mhan air an euslainteach.
Dh’iarr MacCoinnich air a’ Phrionnsa a là mhan a chur air a mhac. Rinn am Prionnsa sin agus thug e bonn airgid don ghille. A rèir na sgrìobh Nether Lochaber, thà inig feabhas air a’ ghille. Ghlèidh e am bonn agus bhiodh e ga chur timcheall amhaich dhaoine eile a bha a’ fulang le tinneas an rìgh airson leigheas a dhèanamh orra.
Chuala Nether Lochaber an naidheachd sin bho chuideigin eile ach tha e cuideachd ag innse dhuinn mu rud a thachair dha fhèin beagan là ithean mus do sgrìobh e mu dheidhinn anns a’ phà ipear-naidheachd. Thachair e ri caileag a bha mu dheich no dusan bliadhna a dh’aois. Bha e eòlach oirre agus bha fios aige gun robh a brà thair air a bhith gu math tinn.
‘Ciamar a tha e?’ dh’fhaighnich an Stiùbhartach.
‘Och, tha e mòran nas fheà rr on a fhuair e an spà in,’ fhreagair a’ chaileag.
‘On a fhuair e an spà in?!’ thuirt am ministear, ‘dè an spà in a tha sin?’
Bha a’ chaileag ro òg no ro dhiùid airson an gnothach a mhìneachadh. ’S ann nuair a chaidh Nether Lochaber dhachaigh a fhuair e a-mach dè an spà in a bh’ ann.
Bha cìoch-shlugain a brà thar air a dhol a dh’at. Bha na daoine a’ creidsinn – airson leigheas a dhèanamh air sin – gu feumadh an duine a bha tinn stuth-leighidh a ghabhail air spà in. Ach dh’fheumadh an spà in a bhith air a dèanamh de dh’adharc bà .
Chan e sin a-mhà in ach dh’fheumadh an adharc a bhith air tuiteam far na bà ann an tubaist. Dh’fheumadh a’ bhò co-dhiù aon laogh a bhith aice agus bhiodh an spà in na b’ èifeachdaiche buileach nam biodh i an dùil laogh eile. Agus aon rud eile – bhiodh draoidheachd na spà ine ag obair a-mhà in fhad ’s a bha a’ bhò beò. Nuair a bhasaicheadh i, bhiodh an draoidheachd a’ falbh agus cha bhiodh an spà in ag obair tuilleadh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Am Faoilleach: January; Blà r Chùil Lodair: the Battle of Culloden; Teà rlach Eideard Stiùbhart: Charles Edward Stuart; Ceann-cinnidh nan Camshronach: the chief of Clan Cameron; glasadh an latha: daybreak; amhaich: neck.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: sgrìobh e colbh anns an robh fiosrachadh inntinneach mu shaobh-chrà bhadh Gà idhealach: he wrote a column in which there was interesting information about a Gaelic superstition; ann an uaimh eadar Loch Airceig agus Loch Lòchaidh: in a cave between Loch Arkaig and Loch Lochy; fear air an robh MacCoinnich mar ainm: a man called Mackenzie; bha dùil aig X gun robh Y a’ cumail a’ ghnothaich dìomhair: X expected that Y would keep the matter secret; thug e leis a mhac nach robh ach sia no seachd bliadhna a dh’aois: he took with him his son who was only six or seven years of age; bha e a’ fulang le galar ris an canadh iad ‘tinneas an rìgh’: he was suffering a disease called ‘the king’s disease’ (scrofula); gun robh comas aig rìgh an galar a leigheadh le bhith a’ cur a là mhan air an euslainteach: that a king could cure the disease by placing his hands on the patient; thug e bonn airgid don ghille: he gave the lad a silver coin; bha fios aige gun robh a brà thair air a bhith gu math tinn: he knew that her brother had been very ill; on a fhuair e an spà in: since he got the spoon; ro òg no ro dhiùid airson an gnothach a mhìneachadh: too young or too shy to explain the matter; dh’fheumadh an spà in a bhith air a dèanamh de dh’adharc bà : the spoon would have to be made of a cow’s horn; dh’fheumadh an adharc a bhith air tuiteam far na bà ann an tubaist: the horn would have to have fallen off the cow in an accident; bhiodh draoidheachd na spà ine ag obair a-mhà in fhad ’s a bha a’ bhò beò: the spoon’s magic would only work as long as the cow remained alive.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha am Prionnsa am falach: the Prince was in hiding. This Gaelic phrase is equivalent to the English and means ‘in hiding’ or ‘in concealment’. You will also hear it as ‘air fhalach’. You might also use the verbal noun and say ‘bha e ga fhalachadh fhèin’ i.e. ‘he was hiding himself’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mar a b’ fheà rr a dh’aithnicheadh e: as he was best known.
Broadcast
- Sun 19 Jul 2026 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.