Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1410
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1410. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sunday
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1106
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1410
Duration: 05:04
Litir 1410: Nether Lochaber (3)
Bha mi ag innse dhuibh mun ‘spà in de dh’adharc bheò’ a bh’ air a cleachdadh ann an leigheas. A spoon of living horn – spà in de dh’adharc bheò’. Sgrìobh an t-Urramach Alasdair Stiùbhart, ‘Nether Lochaber’ mu a deidhinn anns a’ cholbh aige ann an Courier Inbhir Nis. Bha sin anns an Fhaoilleach, ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872).Â
Dh’inns e don leughadair gur e saobh-chrà bhadh a bh’ ann nach cuala e fhèin mu dheidhinn riamh roimhe. Bha e mion-eòlach air dualchas nan Gà idheal. Mar sin, bhite an dùil gur e cleachdadh à rsaidh a bh’ ann a bh’ air a dhol à bith.
Ach cha b’ e. Anns an ath cholbh aige, anns a’ Ghearran, sgrìobh Nether Lochaber mu litir a fhuair e bho leughadair. Dhearbh ‘D.R’ às a’ Chròic ann an Cataibh gun robh an cleachdadh sin aithnichte anns an sgìre aige fhèin.
Dh’inns ‘D.R.’ gun robh spà in dhen t-seòrsa sin aig fear de na nà baidhean aige. Bha i air a dèanamh dìreach dà bhliadhna roimhe. Thà inig an adharc bho bhò a bha sia bliadhna a dh’aois. Bha i fhathast beò. Bha dà laogh aice agus bha i an dùil treas fear a bhith aice. A bharrachd air sin, chaill i an adharc ann an ‘tubaist’, nuair a bha i a’ sabaid le bò eile. Tha a h-uile cà il a tha sin a’ ciallachadh gum biodh spà in de dh’adharc aicese gu math fà bharach.
Mar sheann chleachdadh, bha na daoine a’ creidsinn gum faodadh a leithid de spà in an gnothach a dhèanamh air galar sam bith. Ach, anns a’ Chròic, anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug, bhathar a’ creidsinn gun dèanadh i leigheas air dìreach aon ghalar. ’S e sin an triuthach no whooping cough.
Bhiodh duine a’ bha a’ fulang leis an triuthaich a’ gabhail a bhìdh leis an spà in sin aig gach diathad. Chan fhada gum biodh an duine slà n, fallain a-rithist.
Sgrìobh D.R. gun robh dà spà in eile dhen t-seòrsa sin anns an sgìre aige. Ach cha robh iad gu feum sam bith an aghaidh na triuthaich. Carson? Uill, bha na bà às an tà inig iad air a bhith marbh o chionn fhada. Dh’inns e mu aon spà in a bh’ air a bhith aig teaghlach airson còig bliadhna fichead. Cha robh i ag obair an aghaidh na triuthaich tuilleadh, ach bhiodh i air a cur gu feum aig diathad nuair a bha sluagh mòr anns an taigh – mar eisimpleir airson banais no nuair a bhathar a’ buain na mònach.
Dh’inns D.R. gun robh saobh-chrà bhadh no dhà eile co-cheangailte ris a’ ghalar sin. Mar eisimpleir, nam biodh an triuthach a’ nochdadh ann an taigh, bhiodh nà baidhean a’ cur ìm ùr thuca. Chanadh iad ‘ìm gun iarraidh’ ris. Bha na seann Ghà idheil a’ creidsinn gum biodh leigheas a’ tighinn an cois stuth-slà nachaidh a thigeadh gun iarraidh.Â
Bha an saobh-chrà bhadh eile gu math annasach. Bhathar a’ creidsinn gun tigeadh leigheas an cois uisge a bha a’ sruthadh no a’ maoimeadh à creag. Ach, airson a bhith èifeachdach, dh’fheumadh an t-euslainteach an t-uisge a ghabhail le spà in a bh’ air a dèanamh, chan ann de dh’adharc bà , ach de dh’fhiodh na craoibh-chrithinn. Bha D.R. dhen bheachd gun robh sin co-cheangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail, oir bha na seann daoine a’ creidsinn gun robh an crann-ceusaidh air a dhèanamh dhen dearbh fhiodh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: adharc: horn; nà baidhean: neighbours; an triuthach: whooping cough; diathad: meal; ìm ùr: fresh butter; gun iarraidh: unsought, unrequested; Crìosdail: Christian.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Dh’inns e don leughadair gur e saobh-chrà bhadh a bh’ ann nach cuala e fhèin mu dheidhinn riamh roimhe: he told the reader that it was a superstition that he had never heard before; mion-eòlach air dualchas nan Gà idheal: minutely knowledgeable about the heritage of the Gaels; bh’ air a dhol à bith: that had gone out of existence; anns an ath cholbh aige, anns a’ Ghearran: in his next column, in February; às a’ Chròic ann an Cataibh: from Croick in Sutherland; gun robh an cleachdadh sin aithnichte anns an sgìre aige fhèin: that that practice was known in his own area; bha dà laogh aice agus bha i an dùil treas fear a bhith aice: she had two calves and was expecting another; chaill i an adharc ann an tubaist: she lost the horn in an accident, nuair a bha i a’ sabaid le bò eile: when she was fighting with another cow; gum biodh spà in de dh’adharc aicese gu math fà bharach: that a spoon [made] of her horn would be very auspicious; gum faodadh a leithid de spà in an gnothach a dhèanamh air galar sam bith: that a spoon of that type could cure any disease; gun dèanadh i leigheas air dìreach aon ghalar: that it would cure only one disease; chan fhada gum biodh an duine slà n, fallain a-rithist: it wouldn’t be long until the person was fit and healthy again; cha robh iad gu feum sam bith: they weren’t of any use; airson banais no nuair a bhathar a’ buain na mònach: for a wedding or when peat was being cut; gum biodh leigheas a’ tighinn an cois stuth-slà nachaidh a thigeadh gun iarraidh: that a cure would come with curative material that came without being sought; de dh’fhiodh na craoibh-chrithinn: of the wood of the aspen tree; bha na seann daoine a’ creidsinn gun robh an crann-ceusaidh air a dhèanamh dhen dearbh fhiodh: the old people were believing that the crucifixion cross was made of the same wood.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bhite an dùil gur e cleachdadh à rsaidh a bh’ ann: it would be thought that it was an archaic practice. Bhite is a past passive form of bi, the verb ‘to be’. Bhite an dòchas gum biodh .. ‘it would be hoped that ...
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ maoimeadh à creag: bursting forth from a rock.
Broadcast
- Sunday 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.