'S e togail fhaochag rud ris am biodh daoine man à m seo bhliadhna. B' e obair a bh' ann a bha luachmhor airson cosnadh agus biadh. Anns a' phrògram, 's e Ùisdean MacMhathain às a' Bhaile Shear, Uibhist a Tuath agus Ceit Anna NicIallain à Taigh a Gheà rraidh, Uibhist a Tuath a bha bruidhinn air a' chuspair seo. Seo taghadh dhe na bh' aca ri rà dh.
Ù¾±²õ»å±ð²¹²Ô: Dh'fheumadh am muir-là n a bhith freagarrach, gum biodh e mach ann am meadhan an latha. Cha dèanadh e feum idir a thaobh na faochagan an là n a bhith staigh meadhan a' latha oir bha thu call na cothroman air na cladaichean. Ach duine tha ris na faochagan tha e a' cumail cuimhne air a h-uile sìon dhe sin. Feumaidh e, oir tha a' bheò-shlà int' aige an crochadh air.
Tha 'd ag innse dhòmhsa gu bheil sìde ghreannach fhuar, gu bheil i math air na faochagan a thoir gu na h-à iteachan à rda. Tha 'd san à ite ìseal gun teagamh ach tha an t-à ite seo à rd agus chan ann tric idir a thig bualadh fhaochagan ann, ach feumaidh an t-sìde a bhith freagarrach air a shon...
Ceit: 'S e 'n fheadhainn dìreach meadhanach bu tric a chithinn sa mo sheanmhair a' toir dhachaigh. Cha toireadh i dhachaidh an fheadhainn bheaga uair sam bith agus na bu mhotha na sin cha robh i keen air an fheadhainn mhòra thoirt dhachaidh. Bhiodh i rà dh gum biodh am biadh righinn annta sin, ach 's e dìreach an fheadhainn car a' meadhan size mar gum biodh. Agus an fhaochag dhubh, bu toigh leatha uabhasach an t-slige dhubh a bhith orra...
Ach an fheadhainn a bhiomaid ag ùisneachadh an còmhnaidh 's e dìreach an fhaochag dhubh mar is trice. Agus... ach feadhainn mhòr eile, 's e cnothagain a bh' aca orra. 'S e an aon ghnè ris an fhaochag a bha iad, ach bha 'd sin mòr, 's uairean gheibheadh sibh sa mhol iad ach gun biadh idir annta. Ach gheibh sibh shìos sa là n iad agus bha biadh mòr annta sin.
Chan fhaca mise riamh i dèanamh feum dhan bhiadh aca ach bhiodh i a' dèanamh feum dhen a' chnothagan. Bhiodh iad a' dèanamh uisg-aoil air. Bhiodh iad gan goil 's a' dèanamh uisg-aoil orra. 'S ann geal a bha an t-slige aca sin 's bha 'd mòr 's bha à ite shìos ann an t-Hòmhsta ann a shuid a bhiomaid a' dol thuige. 'S bha fhios aice an còmhnaidh far am faigheadh i iad. 'S ann a sin a bhiodh i gan togail.
'S gheibheadh sibh cuideam uabhasach às an fhaochag dhubh a bha sin. Nisd, faochag air am biodh an t-slige ghlas, cha robh i leth cho trom rithe.
Ù¾±²õ»å±ð²¹²Ô: Mar a tha gu leòr, bha mise air an aon dòigh – pucaid chnapach 's ceithir là n na pucaid, tha sin a' dol gu leth-sgèile agus tha e furasta cuimhne a chumail air an tomhais. Tha e ag obrachadh math. 56 punnd mar gum biodh, agus bha uair a bha poca-sgèile ann ach sguir iad dhe sin.
Bidh feadhainn a' lìonadh a' phoca, na pocannan a th' aca, ga lìonadh gu bheul agus gheibh iad a rèir a' chuideam. Chan eil e gu diofar dè mar a tha iad. Tha na marsantan gu math fair mun cuairt air, agus gheibh iad tomhais a rèir a chuideam.
Ceit: Tha cuimhn' agam mo sheanmhair a bhith ag innse dhomh gum biodh iad gan cuir sìos gu Billingsgate agus gur iomadh uair nach d'fhuair i ach maighdeann-mhara air ais. An dèidh an cur sìos gum biodh iad ag rà dh gum biodh iad air a dhol dheth, gum biodh na faochagan dona ma ruigeadh iad. Agus cha robh iad ach a' cuir thuice, tha, maighdeann-mhara air a dhèanamh air fiodh - dìreach mar gu faiceadh sibh bìdeag bheag de dh'fhiodh air a shnaidheadh a-mach. Sin a chuireadh iad thuice air a son an dèidh a saothair.
'S bhiodh i dol suas a Ghrìminis - tha fhios agaibh fhèin gu bheil sin astar math às a seo - 's bhiodh i gan togail shuas ann a sin 's gan toir a-nuas air a muin às a sin. Cha robh baidhsagal no car no dad eile an uairsin ann ach a' coiseachd 's an t-eallach aice, gan toir dhachaidh às a sin.
Agus 's iomadh uair a chuala mise i a' rà dhtainn gur e siud a gheibheadh i air an son. Co-dhiù bhiodh sin ceart no ceà rr, cha robh duine ann a b' urrainn a rà dhtainn nach robh à san ceart. Eil fhios agaibh, sann air a' steamer a bhiodh iad a' falbh.
Ù¾±²õ»å±ð²¹²Ô: Bha mo mhà thair 's bhiodh i toirt greisean orra cuideachd 's bha i math air an togail cuideachd. Bha i na boireannach là idir. Ach rim chiad chuimhne 's ann orra a bha daoine beò aig aon à m – srùbain is faochagan gam bruich, snà thad a' slaodadh a bhidh asda.
Ceit: Chan fheum iad mòran còcaireachd idir, dìreach nuair a chuireas sibh dhan uisge iad, tha, 's e dìreach goil. Bha facal aig mo sheanmhair "Goil dhan an fhaochaig, is naoi dhan a' bhà irneach."
Dh'fhà gadh i am bà irneach còig mionaidean fichead air, ach 's e dìreach goil a gheibheadh an fhaochag. Agus bhiodh i an uairsin ga spioladh, nuair a dh'fhuaraicheadh iad. 'S e snà thad a bhiodh aice, snà thad mhòr, agus bhiodh rud beag cruaidh dìreach mar gum biodh slige bheag, chruaidh as a' bheul aca. Feumaidh sibh sin a bheir à s. Chan eil thu an uairsin dìreach ach a' cur an t snà thaid sìos 's slaodaidh sibh a-mach iad. Agus nam biodh iad air tuilleadh sa chòir bruich fhaighinn bhristeadh iad nan dà leth an uairsin. Cha toireadh sibh a' chuid mu dheireadh idir às an t-slige dhiubh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.