Thà inig am fiosrachaidh a leanas bho luchd-èisteachd Facal Oirbh ann an 1998 nuair a chaidh am prògram a chraoladh an toiseach.

Bha Ùisdean MacMhathain ag rà dh gu feumadh tu bhith faiceallach ma tha thu san trà igh fhaochag nach eil thu sgrios na h-à rainneachd. Ma tha thu a' tionndadh clach bu chòir dhut a' chlach sin a thilleadh air ais dìreach mar a fhuair thu i chionns gu bheil buaidh aig a sin air a bheil faochagan a' dol a thilleadh air ais dhan à it' tha sin.
Bhiodh iad ag rà dh tric nach fhaigheadh tu na faochagan dubha leth cho pailt ach ann an geodhaichean 's ann am pìosan dhen chladach far am biodh allt a' ruith a-steach ann, no fìor-uisg a' dol a-steach ann, a bharrachd air an t-sà l.
Dh'innis Ruaraidh MacNèill às an t-Sà ilein, Eilean Mhuile cuideachd gur e operculum a chanar am Beurla ris an lann beag dubh a tha am beul na faochaig. Cha robh e cinnteach dè a' Ghà idhlig a th' air. An robh na seann fheadhainn a' cleachdadh lann air a shon? No bheil facal eile ann?

Thà inig post-dealain bho Chatriona Guinne à Griais, Leòdhas, ag rà dh gur e punna-aodaich no pinne-aodaich a chanas iadsan.
Cuideachd, thà inig fios bho Mhà iri Anna Ghreumach à Cille Mhoire, an t-Eilean Sgitheanach, gur e bioran-anairt a bhios iadsan a' cleachdadh.
Bho Mhòrag NicNèill à Barraigh
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.