Bha Fionnlagh air a bhith ag èisteachd ri Mòr NicLeòid 's i a' bruidhinn air Latha Buidhe Bealltainn agus an dòchas a tha aig daoine gu bheil rud nas fheà rr romhpa na an rud a th'air an cùl.
Fionnlagh: 'S e à m eile tha sin - liath-ruisgean an earraich - dìreach iomnaidh air daoine a bheil annlan gu leòr ann agus a' chaoile air beathaichean 's air daoine 's air aois agus a' feitheamh ri toiseach an fhà is (tha mi smaoineachadh gur e à m mìorbhaileach eile tha sin) is toiseach blà iths a bhith tighinn air ais.
Gu sònraichte chaidh ainmeachadh rudan mar a' chuthag. Nise, bha daoine a bha a' feitheamh an uairsin 's a' leughadh na reultan 's a' faireachdainn dè mar a bha an trà igh a' dol. Bha tilleadh nan eun, bha e mìorbhaileach, 's a' chuthag a' tighinn agus eun eile a chaidh ainmeachadh, 's e an clacharan.
'S aithne dhomh fhìn mu dithis bhrà ithrean ann an Nis aig an robh ceà rdach ann an Dail bho Thuath. 'S bhiodh sgeulachd aig m' athair ga innse dhomh gun deachas a-steach innte aon latha agus 's e aon fhear aca a bha a-staigh 's bha fear eile shìos air a' chladach.
Nuair a thill e steach, thuirt am fear a bh' as a' cheà rdaich, "An d' thà inig e?" 'S thuirt am fear eile "Thà inig e." "Ma thà inig" ars esan, "faodaidh sinn tòiseachadh." Sin (a' ciallachadh) ma bha an clacharan air a thighinn gu faodadh an t-à iteach tòiseachadh.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Sin an comharra a bh' aca?
Fionnlagh: 'S e, agus 's ann tearc dha-rìribh a gheibh thu à itichean far a bheil eòin a' tighinn nan comharra air gu bheil blà ths air tilleadh chun ìre sin.
'S tha cuimhn' agam a bhith ag innse dhut ron a seo fear ag innse dhomh, bho chionn fhada, fear a bha as a' Chnoc Àrd, faisg air an teampall ann an Eòropaidh, air Teampall Mholuidh, agus 's e an t-ainm a bh' air Moglaidh Mò.
Iain: Tha cuimhn' a'm air a rud.
Fionnlagh: 'S tha e coltach gu robh fèileadh aodaich air. 'S bhiodh e ga thogail 's a' suidhe air an talamh agus a' faicinn an robh e a' faireachdainn blà ths às an talamh. 'S e Ailean Fhionnlaigh às a' Chnoc Àrd a dh'innis dhomh sin. 'S ma tha ainm, Moglaidh Mò – chan eil fhios agam fon ghrian cò às a tha an t-ainm sin a' tighinn. Ach bha e aige 's bha e air a chluinntinn.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.