Fionnlagh: Tha feagal orm gu robh beagan crostachd ann cuideachd. Bha bùth as a' bhaile againne air an robh bùth Saidhm, agus bha doras mòr garaids aige. Well, bhite a' toirt slacadaich air an doras sin le na clachan 's cha b' ann airson milleadh cà il ach gu faicte Saidhm, 's gun cluinnte Saidhm, a' tighinn. 'S bhiodh cà raichean annasach aige - 's bhiodh e dèanamh às ar dèidh. 'S chan iarradh tu cà il ach sin. Thà inig e mach aon uair, tha mi duilich a rà dh, le gunna agus leig e urchair air balaich. Agus bha aon fhear 's bha fras às an iosgaid aige.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Seadh?
Fionnlagh: Well, bhathas ga shà rachadh gu-tà .
Iain: Bha ach 's e rud, cha robhas a' dol gu dorsan dhaoine no gu similearan dhaoine ach na daoine a thigeadh às do dhèidh.
Fionnlagh: O 's e. 'S Well, bha an duine ud, bha e cho frionasach 's tric cho ainmeineach agus gum biodh e às ar dèidh tro na lotaichean. Bha feagal ar beatha again roimhe ach 's ann thuige a thilleadh sinn an dèidh sin. 'S cha robh sinn a' minigeadh dochann no cà il mì-chà ilear ach dìreach plòidh. Ach bha e gu math mi-chà ilear dhà san – bugairean bhalaich a' tighinn a dh'fheuchainn air doras mar siud.
'S chitheadh tu 'n uairsin an cà r 's bhiodh e faighinn cà raichean à Glaschu. Fhuair e bike aon uair agus 's iongantach man a th' ann aig balach-bèicear a bha e bhon bha rud air beulaibh a' bhike - 's iongantach man a th' ann airson lofaichean. Well, Thighearna, nuair a chitheadh tu Saidhm air an oidhche muigh le sin, a' feuchainn ri breith ort! Ach chuir e fras aon oidhche.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Tha mi smaoineachadh gu robh daoine mar sin air an comharrachadh a-mach aig cloinn ann an diofar bhailtean co-dhiù nach robh? Tha cuimhn agam fhìn nuair a bha sinn uabhasach fhèin òg, bhiodh sinn a' dol a dh'aona ghnothach a thaighean dhaoine a ghà ireachdaich! 'S gun fios carson, ach bha fhios againn gu robh na daoine bha sin, nach robh iad airson sibh a bhith a' gà ireachdaich as na taighean aca idir.
'S cha robh againn ach dìreach suidhe sìos agus coimhead air a chèile, 's thòisicheadh sinn. Agus cha bhiodh sinn fada gu math tric gus a' faigheadh sinn an "gabh a-mach!"
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.