
Anns a' chladach ann am Barraigh a bhite a' cluiche taighean beaga agus 's e dreasair beag a bhiodh aca air a' gheama seo. Bhiodh soithichean briste aca 's bhiodh iad gan cuir air na creagan.
'S e am facal "bòidhich" a bhathas a' cleachdadh ann am Barraigh airson na soithichean briste 's bhiodh a' chlann cho moiteil na faigheadh iad soitheach mar truinnsear a bha meadhanach slà n, no as nach robh ach sgà ineadh. Ann an à itichean eile chainte "brèaghaich" ri soithichean briste, gu h-à raid ma bha pìosan ann le craobhan no dealbhan no rudan dhen t-seòrsa sin.
Ann am Barraigh, bhite a' cur thaighean cuideachd. Bhiodh cà ch a' feuchainn ri dhèanamh a-mach bho na tuairmsean agadsa cò an taigh a bh' ann. Agus airson a dhèanamh na bu duilghe bha thu a' faighinn aon cheann. Bha seo na phà irt dhe na riaghailtean. Gheibheadh tu aon cheann agus sin agad aon duine, can, anns an teaghlach nach leigeadh tu leas ainmeachadh. Mar eisimpleir, nam biodh teaghlach ann anns an robh Mairead is Iain is Anna is ainm rudeigin annasach mar Hilda, gu follaiseach, ma bha thu gleusta, 's e Hilda "an ceann" oir cha bhiodh mòran Hilda-an ann am bailtean na Gà idhealtachd. Cuideachd dh'fhaodadh tu ainmean eile atharrachadh. Mar eisimpleir dh'fhaodadh tu Peigi a thoirt air cuideigin air an robh Mairead agus dh'fhaodadh tu Bilidh 's dòcha a thoirt air cuideigin air an robh Uilleam, dìreach airson an geama a dhèanamh na bu duilghe.
Bho Mhòrag NicNèill à Barraigh

Tha e air a dhèanamh air fiodh, ceart-cheà rnag le ceithir taobhan agus mar gum biodh pyramid air a chuir air gach ceann, a' steigeadh a-mach mar gum biodh sròin air gach ceann dheth. Bha à ireamh bho aon gu ceithir air a sgrìobhadh air a' cheart-cheà rnaig timcheall nan cliathaichean aice. Bha thu toirt buille do dh'aon dhe na cinn air an robh am pyramid a bha seo agus bha thu an uairsin a' toirt dha slaic eile mus tuiteadh e; a' leigeil leis an uairsin tuiteam, agus, a rèir 's dè an à ireamh a bha suas agad, can gur e ceithir a bh' ann, gheibheadh tu dhol ceithir tursan eile. 'S nam b' e trì a bh' ann, gu follaiseach, gheibheadh tu trì tursan eile. Bha sgilean gu leòr a dhìth ort airson an geama seo a chluich a chionns nuair a bhuaileadh tu an toiseach e, 's dòcha nach èireadh e mòran far an là ir agus feuch thusa gu faigh thu ri slaic eile a thoirt air mas tuit e! No 's dòcha gun deach e suas cho à rd 's gu feumadh tu dìreach feuchainn ri cuimse dhòigheil fhaighinn air. Siud agad cat-a-bat.
Bho Dhonaidh MacIlleathain, Am Bac, Leòdhas
Seo mar a bhiodh feur no arbhar às an robh fà ileadh tungaidh. Nuair a bhiodh tu a' cur feur no coirce dhan a' chruaich, agus gu h-à raid nuair a bhiodh tu a-rithist a' cur a-steach na cruaich, 's gu faiceadh daoine gu robh an coirce no am feur rudeigin fliuch is fà ileadh tungaidh dheth, 's e adhbhair nà ire eagalach a bh' ann. Bha e sealltainn nach robh thu air ullachadh is tiormachadh an arbhair mar bu chòir agus 's e mùthachd am facal a bha air a shon.
Bho Dhòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, An t-Òban agus bho Fhlòraidh NicLeòid, An t-Iochdar, Uibhist a Deas
Bidh muinntir Bharraigh cuideachd a' cleachdadh "garbh" airson facal eile a dhaingneachadh, agus gu h-Ã raidh ma tha rudeigin uabhasach air tachairt, canaidh iad, "Nach eil e garbh."
Bho Mhòrag NicNèill, Barraigh
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.