Bha Flòraidh ann an Uibhist a Tuath ri fìor dhroch shìde, le gèile agus uisge nach fhacas bho chionn deagh ghreis. Bha i airson fiosrachadh fhaighinn mu obair ris am biodh daoine mun à m seo dhen bhliadhna – a' cà radh bhallachan. Bha Seonaidh Bà n Dòmhnallach aig an robh Tuath a' Chlachain mion-eòlach air an obair. Gu mì-fhortanach cha chuireadh duine an cù chun na sitig a' latha ud, agus cha d'fhuair iad a-mach chun a' bhalla air an robh Seonaidh ag obair.
Seonaidh: 'S ann a' cà radh bheà rnan ann an gà rradh is trice a bhios mise a' dèanamh. 'S e dìon mòr a th' ann do chaoraich agus do chrodh ma tha an gà rradh ceart agus e dìonach agus gun cùm e stoc nan à ite fhèin. Agus mar is trice bidh caoraich, bidh iad a' leum seachad air na seann ghà rraidhean a tha seo, a' leagail nan clachan agus glè thric cha dèan sin cus feum dhuinn.
Agus thòisich mise o chionn bhliadhnaichean air clachaireachd mi fhèin, a' dèanamh suas na seann bhallachan a bha seo agus ghabh mi ùidh ann. 'S och bidh mi dèanamh beagan dheth an drà sta 's a-rithist nuair a gheibh mi ùine.
Ma tha aghaidh bhrèagha air a' chloich, tha thu ga cuir air taobh a-muigh a' bhalla 'son gum bi i snog. Agus an fheadhainn nach eil cho snog tha thu gam bristeadh le òrd agus gan cuir nam pacaigeadh eadar an dà bhalla, mar gum biodh.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Obair chruaidh a th' ann nach e, a bhith a' cà radh nan gà rraidhean sin? Chan eil e cho furasta 's a tha e a' coimhead, a bheil?
Seonaidh: O, cha dèan thu ann an cabhaig idir e. Feumaidh tu ùine agus saothair a ghabhail ris mun dèan thu dòigheil e. Ach 's e obair inntinneach a th' ann. Tha e math nuair a chì thu balla air a thogail snasail.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Can, ma bha sibh a' dol a-mach a chà radh a' ghà rraidh, can airson caoraich a chumail aon taobh dhen phà irce na bith dè, ciamar a bhiodh tu a' dol a thòiseachadh air a leithid a dh'obair sin?
Seonaidh: Well, 's e na beà rnan as miosa a th' ann a chuir air dòigh an toiseach agus glè thric feumaidh tu na clachan a leagail dìreach chun an talamh agus tòiseachadh air a stèidheachadh dìreach bhon talamh suas. Agus feumaidh duine a bhith faiceallach nach cuir e tuilleadh 's a' chòir de chlachan mòra air an oir 'son glè thric na ballaichean a tha mise a' dèanamh suas as ùr, 's e clachan mòra air an oir a tha burstadh a-mach agus iad a' sgaoileadh a' bhalla o thaobh gu taobh.
Agus an fheadhainn a bhios mise a' cà radh, cha bhi mi a' cur clachan mòra mar sin idir air an oir. Bidh mi a' feuchainn ri na clachan sin a bhristeadh. Tha òrd math agam airson clachan a bhristeadh agus gheibh mi glè thric air cumadh ceart a thoirt air clachan airson gu freagair iad na beà rnan as a' bhalla.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Airson 's gum bi iad freagarrach airson an à ite as a bheil à san dol a dhol?
Seonaidh: 'S e sin dìreach a th' ann. Gabhaidh iad ... 's e snaigheadh a chanas sinn ris, snaigheadh airson gun gabh iad cuir ann a ... Agus glè thric feumaidh tu snaidhm a dhèanamh orra cuideachd - clachan flat mar gum biodh leacan, sin an fheadhainn is fheà rr air balla a thogail.
Ach, mar a tha 's na seann bhallachan a tha seo, chan eil a h-uile clach mar sin idir agus feumar a bhith gu math faiceallach gum bi iad air an cà radh nan à ite fhèin gu dòigheil agus gum bi na clachan air an cà radh gu cothromach.
Agus rud is cudthromaiche buileach 's e nuair a ruigeas tu bà rr a' bhalla, bidh sinn an còmhnaidh a' cuir clach mhòr a ruigeas bho thaobh gu taobh dhen bhalla tarsainn agus gu faigh sinn bà rr a' bhalla chumail cho dìreach agus cho snasail.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: An ann le sreang a tha sibh a' dèanamh sin?
Seonaidh: 'S ann, sreang a bhios againn airson sin.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: ...airson mullach a' bhalla a thomhas?
Seonaidh: Airson loidhne, mullach a' bhalla a chothromachadh.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Agus na clachan fhèin, tha diofar seòrsachan ann, nach eil? Bha sibh a' bruidhinn air feadhainn a bhristeadh ann a shiud.
Seonaidh: O bha.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: A bheil feadhainn ann a tha nas fhasa bhristeadh na feadhainn eile?
Seonaidh: O tha, gu dearbha. Ma gheibh thu clach-ghorm tha i cruaidh. Tha i gu math doirbh a bristeadh.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Clach-ghorm?
Seonaidh: Clach-ghorm agus gheibh thu feadhainn eile, aithnicheadh tu orra le ...well, nuair a bhuaileas tu do shùil orra, aithnichidh tu ma bhuaileas tu an t-òrd orra san à ite cheart gu sgoilt iad às a chèile 's gu faigh thu leacan matha a dhèanamh dhiubh. Agus seo an fheadhainn is fheà rr leamsa, an fheadhainn a ghabhas tu cuir air a flat, mar gum biodh, an à ite bhith gan cuir air an oir.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Agus na clachan mòra, am bi iad sin fon talamh?
Seonaidh: Mar is trice an fheadhainn is motha bithear gan cuir air stèidh a' bhalla airson an cothromachadh gu math, dìreach as an talamh, dìreach mas tòisich thu air clachaireachd.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: Tha mi cinnteach gum biodh e buailteach a leithid sin a dh'obair, mur a biodh e air a dhèanamh dòigheil, gun tuiteadh e mu d' cheann.
Seonaidh: Well, tha sin fìor, cho fìor sa ghabhas e. Ach 's e rud as cudthromaiche tha mise a' faicinn, gum bi na clachan a tha air bà rr a' bhalla air an snaidhm 's air an cothromachadh gu math. Ma dh'fheuchas caora seachad 's nach leag i a' chlach sin - dìreach 's e as fheà rr air an t-saoghal.
Ach na ballachan a tha sinn a' togail o chionn greis air ais, tha sinn a' cuir trì na ceithir de shnà ileanan de wèir plèana os a chionn 'son gun cùm e na caoraich gun a bhith leum seachad.
¹ó±ôò°ù²¹¾±»å³ó: 'S tha mi cluinntinn gu robh clachair ainmeil agaibh no cuideigin a bha ag iarraidh a bhith ri clachaireachd co-dhiù aig aon à m 's sibh ag obair air gà rradh. Eil siud ceart?
Seonaidh: Well tha sin ceart gu leòr. Tha grunn bhliadhnaichean ann, dusan bliadhna ann, tha mi creidsinn bho bha e ann. 'S e sin am Prionnsa Teà rlach. Bha e còmhla rium a' clachaireachd pìos balla latha. 'S ann còmhla ris a' Mhorair Granville nach maireann, 's ann a bha e fuireach. 'S e chuir am fios thugamsa co-dhiù, a' Morair Granville. O thug e null mi dhan taigh 's bha e cur cheistean orm 's thuirt e rium...
Chuir mi ann am beagan loidhneachan a' rud, na ceistean a bha e a' cur orm mu dheidhinn dè bhithinn a' dèanamh. 'S seo mar a chuir mi sìos an ceathramh.
Seonaidh: Sin mar a chuir mi sìos mar a bha am Morair Granville, agus och, bha am Prionnsa glè mhath. Chan eil eagal aige ro obair sam bith 's gu deimhinne bha e coma ged a shalaicheadh e a là mhan. Cha robh diofar sam bith. Ach chòrd a' latha ris glè mhath.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.