Nuair a chaidh Iain a chèilidh air Seòras MacLeòid na dhachaigh an Dail Mòr, Leòdhas, bha lampaichean dhen h-uile seòrsa aca air am beulaibh. Thòisich iad le bhith bruidhinn air crùisgean.
³§±ðò°ù²¹²õ: Chan fhaca mise gin aca ag obair a-riamh. Bha 'd fèir air a dhol a-mach à bith as a h-uile à ite ach shuas as a' bhaile agaibh fhèin.
Iain: Sin am bail' againne. (Cirbhig)
³§±ðò°ù²¹²õ: 'S e, sin a-nis far an robh an crùisgean mu dheireadh.
Iain: Dè seòrsa ola a bh' ac' ann, a Sheòrais?
³§±ðò°ù²¹²õ: Well, bhiodh caochladh sheòrsan ac' ann. Tha mi creids' tè air am faigheadh iad greim. Bhiodh òl' èisg ac' ach bha 'd a' dol ac' leis a' pharaffin.
Iain: Agus 's e dìreach, bhathas a' lìonadh an t-soithich a bha seo?
³§±ðò°ù²¹²õ: Bha. Bha 'd a' lìonadh a' soitheach ìosal a bha sin, mar a thuigeas mise, agus an t-siobhag a' tighinn tron an fhear eile agus a-mach ann a sheo.
Iain: Well, 's e solas beag, suarach a bha sin.
³§±ðò°ù²¹²õ: O, 's e solas gun seagh a bh' ann. 'S e b'fheà rr na ... bhithist ga chuir à s fhad 's a bhiodh solas, fhad 's a bhiodh an teine a' gabhail. Bhiodh, gus an dèanadh e greiseag na b'fhaide.
Iain: Dìreach ga chaomhnadh.
³§±ðò°ù²¹²õ: Seadh.
Iain: Às dèidh sin, an e lampa a' cheà ird a thà inig?
³§±ðò°ù²¹²õ: O cha b' e. Bha lampa a' cheà ird ann co-dhiù cho fad 's is aithne dhòmhs'. Saoilidh mi gu robh i ... bha i fhèin agus an tè balla a bha seo leis a' phlate tiona air a cùl. Chunnaic mise na dhà còmhla ach cha b' urrainn mi rà dh cò thà inig an toiseach. 'S iongantach mar e lampa a' cheà ird.
Iain: Nach dèan sibh dealbh dhomh air lampa a' cheà ird.
³§±ðò°ù²¹²õ: Well, 's e an dealbh a b'fheà rr, shaoilinn-sa, mar gum biodh seòrs' de phillar a bhiodh agad air a chuir air a bheul fodha. Bonn leathann air dhòigh 's gu suidheadh i eagallach bonnacharach agus tighinn gu gob biorach rudeigin agus funnel à s a sin suas. Bha seòrs de mhullach beag cruinn oirr', grinn aig a' chèard air a chuir oirr' air dhòigh 's man a' funnel a bha seo, air dhòigh 's gu laigheadh e air mullach an còrr dhith. 'S sin a rud a bha thu a' togail nuair a bha thu cuir paraffin innte, ga leasachadh.
Iain: Dè seòrsa siobhag a bh' innte?
³§±ðò°ù²¹²õ: O, chan fhaca mi cà il sònraichte riamh ach bìdeag de chlobhd freagarrach, seann chlobhd freagarrach, air a chuir cruaidh le caran a chuir ann 's fhaighinn suas tron a' funnel a bha seo. Sin man a bha. 'S ann.
Iain: Chuala mi ann an à itichean gum biodh iad uaireannan a' cur luachair thioram annta.
³§±ðò°ù²¹²õ: Well, chan fhaca mise idir e ach tha mi là n chreids' gum biodh e eagallach freagarrach bhoil seall thusa broinn an gaisinn luachair ... tha e bog 's là n ... tha e còsach 's gheibh an à idhear 's am paraffin 's a h-uile cà il... bhiodh e uabhasach math, shaoilinn.
Iain: Dh' òladh e...
³§±ðò°ù²¹²õ: Dh' òladh.
Iain: Tha tè spaideil againn a seo a nise ... cha mhòr nach ann glainne a tha i gu lèir.
³§±ðò°ù²¹²õ: O tha.
Iain: Seo lampa-siobhaig?
³§±ðò°ù²¹²õ: 'S e, aon siobhag. Bha nise feadhainn ann le dà shiobhag, double-burner mar gun canadh tu. Well, bha a dhà neart innte, a dhà uiread de sholas innte. Thòisich a sin feadhainn aca cruinn, siobhag chruinn, burner cruinn. Agus bha barrachd siobhag agus barrachd solas à s iad sin a-rithist. Mar bu mhotha a bhiodh ann de shiobhag 's ann bu mhotha bhiodh ann de sholas, gu nà darrach.
Iain: Agus 's ann bu mhotha bha thu caitheamh...
³§±ðò°ù²¹²õ: 'S ann bu mhotha bha thu caitheamh dhan a' pharaffin. 'S ann.
Iain: Siud i nise agaibh. Tha mi air a cuir thuige 's tha sinn an ìre mhath as an dorchadas. Nise, chan fhaod mi a' lasair tha seo a chuir an aìrde idir, a faod?
³§±ðò°ù²¹²õ: Well, cha bhiodh iad ga chuir an aìrde cho luath gum blà thaicheadh an glob. Cuir beagan is beagan e an à rd.
Iain: Faod mi chuir suas beagan eile?
³§±ðò°ù²¹²õ: Faodaidh beagan eile, mar gum biodh. Agus bhiodh iad a' leigeil leis na h-uiread gum blà thaicheadh an glob. Chunna mi uair is uair, nan cuireadh tu an teas ro chlever air, bha an glob a' briseadh.
Iain: Dol bho bhith fuar gu bhith ro theth, ro chabhagach.
³§±ðò°ù²¹²õ: Sin e. Tha.
Iain: Ah Well, tha sin math a-nis. Tha i a' cur a-mach...
³§±ðò°ù²¹²õ: Agus mar a robh paraffin gu leòr a-staigh, 's e rudeigin anmoch, chanadh iad "O cuir sìos an lampa, no cuir à s i, ach am bi ann na ghabhas An Leabhar. Gum biodh de pharaffin againn na ghabhas An Leabhar." Tha cuimhne agam air a sin glè mhath.
Iain: Bha sin a' cunntadh.
³§±ðò°ù²¹²õ: Bha, bha siud a' cunntadh. Dh'fheumaist An Leabhar a ghabhail co-dhiù 's fà gail dhan an ola 's na ghabhadh iad An Leabhar.
Iain: Nise, cuin a chaidh iad seo gu ìre a-mach à cleachdadh?
³§±ðò°ù²¹²õ: Ah Well, 's e beagan bhliadhnaichean ron a' chogadh cho fad 's a chuimhnicheas mis. Bho dh'fhalbh mise aon dà bhliadhna ron a' chogadh, 's cha do thill mi ... 's e an Tilley a bh' ac'.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.