
Thig reothadh tric gu leòr aig cuid de dh' amannan dhan bliadhna gu math, math sgiobalta, gu h-à raid leis a' chairteal mu dheireadh dhan ghealaich, agus airson sin 's e reothadh gealach na maidne a chante ris. Agus bhiodh e a' dèanamh dragh do dhaoine an còmhnaidh nan tachradh sin agus gun tigeadh a' ghrian a-mach as dèidh sin air eagal 's gun tòisicheadh gaiseadh a' tighinn dhan bhuntà ta.
Ma tha reothadh air duilleagan sam bith, no air barran a' bhuntà ta, crìonaidh iad gu h-à raidh nuair a thèid an reothadh na uisge 's tha a' ghrian a' deà lradh tron uisge, oir tha e ag obair mar ghlainne-meudachaidh agus tha na barran no na duilleagan a' crìonadh fodha.
Bha e na chleachdadh cumanta gu leòr air a' Ghà idhealtachd uaireigin, na faiceadh iad reothadh a' tighinn deireadh na maidne, dìreach mas èireadh a' ghrian, bhiodh dithis a' dol a-mach le ròpa sìomain, duine aig gach taobh dhan fheannag agus iad a' coiseachd sìos ri taobh na feannaig, gach duine aca, agus a' slaodadh an ròpa a bha seo air uachdar nam barran buntà ta airson an t-uisge a chaitheamh dhiubh.
Agus bha fear à Baile Chaolais ag innse gum b'aithne dha-san duine a bhiodh a' dèanamh seo leis fhèin, le poca canabhais. Bhiodh e a' coiseachd eadar na sreathan 's a' bualadh nam barran ach a falbhadh an t-uisge dhiubh. Dhèante rud sam bith airson am buntà ta a shà bhaladh.
Bho Dhòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, An t-Òban
Bho Mhòrag NicNèill, Barraigh
Bha am facal seo air a chleachdadh tric can ma bha rathad sleamhainn le deigh agus gun tigeadh an uairsin fras chlachan-meallain. Chante gun do chuir e friodhan air an rathad agus cha bhiodh e cho sleamhainn 's a bha e.
Bho fhear à Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.