
Bha Tormod MacLeòid, An t-Òb, Na Hearadh, ag rà dh gur e facal airson nathair a bh' ann an iuthar, agus gu bheil e a' dol air ais gu à m nan luingeis Lochlannach, na serpent ships le nathraichean air an toiseach aca. Bha cuimhne aig Tormod air na bodaich anns na Hearadh ag rà dh mu dheagh eathar chalma, tapaidh "Nach b' e 'n iuthar i!"
Ged a bhiodh sìde mhath ann aig à m sam bith tron Mhà rt faodaidh fìor dhroch shìde tighinn às a dhèidh.

Thà inig fios bho Thormod MacLeòid gur ann moch 's a' mhadainn a bha a' cho-thrà th, a' ciallachadh comharra thrà th no false dawn anns a' Bheurla, nuair a tha thu a' feitheamh ri solas an latha agus a thig beagan soilleireachd an toiseach ach an uairsin falbhaidh e agus fà saidh i dorcha a-rithist mus tig solas an latha ceart. Sin a' cho-thrà th.
Bha beachd ann gur ann air sgà th 's sgeulachdan mu bhòcain a bha daoine a' smaoineachadh gur ann feasgar a bha a' cho-thrà th ann. Bhite, gu nà darrach, ag innse sgeulachdan do chloinn agus gu leòr de na sgeulachdan sin 's ann mu bhòcain a bha iad. Am measg nam bòcan a bh' ann, bha Na Sìthichean, A' Chailleach Bhuisneachd, An t-Each-Uisge, Bodach na Mòintich, An Capall Ceithir-chasach agus A' Cho-thrà th.
'S ann air an fheasgar a bhios na bòcain a' tighinn a-mach agus mar sin thoisich daoine a' smaoineachadh gur ann feasgar a bha a' cho-thrà th ann.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.