
Tha Latha Mhà rtainn Builg, St Swithin's Day, am meadhan an t-samhraidh. A rèir Mòr NicLeòid à Brù, Leòdhas, tha an t-ainm a' dol air ais gu "Latha Mhà rtainn a dh'fhuiling."
A rèir an eachdraidh aig Mòr, bhathas a' dol a chuir às do Mhà rtainn Builg, no do St Swithin, air sgà th rud a bha e air a dhèanamh. Bha e fhèin a' dol às à icheadh agus mas deach cuir às dha, thuirt e, "Well, chì sibh nach robh mi air mo choireachadh airson seo 's gur e an fhìrinn a bha mi ag innse agus mas e, an latha thèid mo chrochadh, ma bhios latha tioram ann, bidh an ath shia sheachdainean tioram. 'S ma bhios latha fliuch ann air an latha sin, bidh an ath shia sheachdainean fliuch.
'S ann à sin a thà inig an rann.
Seo a bha aig muinntir a' Chnuic Àird ann an Nis, Leòdhas air Latha Mhà rtainn Builg, air ainmeachadh air bodach a bh' anns a' bhaile.
A rèir Torcaill MacRath à Griomsiadar, Leòdhas, chante seo ris an à m nuair a thigeadh ciaradh an fheasgair, ach cuideachd ris an à m a thòisicheadh boillsgeadh beag de sholas a' nochdadh anns a' mhadainn. Cha chleachdadh Fionnlagh MacLeòid e ach airson an à m eadar-dhà -sholas feasgar. Bha facail eile ann mar camhanaich agus gormanaich an latha.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.