
Bha Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach às an Oban air innse mu à m nuair a bha e ag obair air taigh-solais Bell Rock . Còmhla ris bha fear à Obar Bhrothaig a bha ag innse mun chiad bhà ta air a peantadh a thà inig riamh dhan bhaile. Cha cheangaileadh duine de na h-iasgairean am bà ta fhèin ri taobh na tè seo as a' phort. A h-uile bà ta a bha air an tearradh, an t-seann chleachdadh, bhiodh iad ceangailte taobh ri taobh 's bha an tè seo leatha fhèin. Bha 'd a' creidsinn nach robh rud ceart as a' pheant a bha seo 's cha rachadh iad faisg oirr'.
Bhiodh sgiobairean garbh diombach de dh' iasgair na duine sam bith dhan a' chriubha aig am biodh bucas-mhaidseachan Swan Vestas seach gu robh dealbh eala air a' bhucas. Bha 'd a' creidsinn gur robh sin na dhroch chomharra agus cha robh iad idir, idir airson gum biodh e a' dol gu muir leotha.
Na falbhadh iasgairean gu muir agus gu mothaicheadh luchd an taighe no duine sam bith gu robh iad air rudeigin a dhìochuimhneachadh, ged a bhiodh an rud gu math èiseil dhaibh agus gu math deatamach, cha robh na h-iasgairean uair sam bith airson gum biodh duine ag èigheach às an dèidh agus gu h-à raidh gu feumadh iad tilleadh dhachaigh.
Can, nam biodh tu air tighinn dhachaigh às an eaglais no às an sgoil 's deagh aodach ort aig à m nuair a bha an t-aodach gann, cha robhas airson gum biodh an deagh aodach sin air fhà gail ort fad an latha mur a robh adhbhar sònraichte airson sin. Bha e mar fhiachaibh ort t'aodach atharrachadh mus milleadh tu e agus na fà gadh tu ort e sud rud a chante riut.
Bho Chriosaidh NicRisnidh, Glaschu
À Barraigh
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.