
Bha cuimhne aig Iain nuair a bhathas a' cur a' bhuntà ta bhathas gu follaiseach a' fà gail sreath bhà n. Bha thu a' tionndadh 's a' cur a' bhuntà ta agus an uairsin a' tionndadh sreath eile 's cha robh cà il a' dol dhan tè sin. 'S ann dhan ath thè a-rithist 's docha a dheigheadh am buntà ta. Bha dà dhòigh air a dhèanamh. Dh'fhaodadh tu bhith a' cur an todhar dhan an t-sreath bhà n no dìreach a' sgaoileadh an todhair air uachdar na feannaig mas tòisicheadh tu. Ach cha bhiodh iad a' moladh gum biodh an fheamainn no an todhar cus a' suathadh anns na sgealban buntà ta a bhiodh tu a' cur dhan an t-sreath. Bhathar ag rà dh nan cuireadh tu cus feamainn air an talamh gum biodh am buntà ta buailteach a bhith bog. Bha daoine airson gum biodh am buntà ta aca tioram.
Bhathar a' cumail a-mach gu robh an fheamainn dhubh a bhathar a' gearradh air an taobh an ear math airson talamh an taobh an ear agus gu robh an fheamainn dhearg math airson machair.
B'e seo a chante ri pà iste no naoidhean òg.
Nan cante riut mu chuideigin "Bha an truaghan air ùdail", bhiodh sin a' ciallachadh nach robh duine a' gabhail a chùram 's gu robh e ann an èiginn.
Seo ainm eile airson uiseag.

Chleachdadh tu seo nam biodh tu a' bruidhinn air truaghan de dhuine. 'S e dùile a bhiodh ann.
Nan cante gu robh clann lurach, bhiodh sin a' ciallachadh gu robh iad bòidheach.
Duine flathail, bhiodh e uasal, ma dh'fhaodte gur e prionnsa a bhiodh ann.
Bho Mhurchadh Dòmhnallach, Am Bac, Leòdhas
Sin snaidhmeannan a bhios nad ghruaig nuair a tha e feumach air a chìreadh.
Bho Mhairead NicIllinnein, Loch Portan, Uibhist a Tuath
Chanadh tu falt cèigeach agus chanadh tu mu dhuine a bha dìreach air dùsgadh gu robh e cèigeach, le praban na shùilean 's a ghruag na stob!
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.