
Chanadh tu seo nam biodh tu a' toirt seachad rudeigin agus a' faighinn rud nach robh cho math na à ite.
Ma tha thu trang agus a' dèanamh deagh oidhirp air rud a dhèanamh, thèid leat.
An e seòrsa de leisgeul a tha seo? Cha robh còir agad èigheach air ais dhachaidh duine a bha falbh, gu h-à raidh iasgair.
À Barraigh
Tha an duine is òige ann an teaghlach, gu h-à raidh ma tha e no i a' tighinn greis air dheireadh air cà ch, buailteach a bhith air a mhilleadh le na brà ithrean 's na peathraichean as sine.
Faodaidh dà thaobh a bhith air a seo. Tha seanmhair agus seanair buailteach a bhith air leth coibhneil, ma dh'fhaodte ro choibhneil, ri ogha. Ach cuideachd faodaidh iad deagh threòir a thoirt don ogha.
Ma tha thu a' gabhail an eagail, gluaisidh tu gu math luath.
Ge b' e cà ite an toir thu duine bithidh e buailteach a bhith ag iarraidh dhan à ite as fheà rr a tha a' freagairt air fhèin.

Fà saidh duine cleachdte ris an rud a tha à bhaisteach dha.
Bhiodh an gobha cho trang ag obair do dhaoine eile 's nach biodh ùine aige an t-each aige fhèin a chruidheadh.
Nam biodh duine a' feuchainn ri là mh-an-uachdair fhaighinn ort, leigeadh thu fhaicinn dha gu robh fios agad dè bha e ris le seo a rà dh. Bha daonnan daoine a' feuchainn ri dèanamh a' chùis air cà ch a chèile ann an ceà rdach, le farpaisean a thaobh cò a thogadh an t-innean, cò bu là idire is rudan mar sin.
Dh'fhaodadh gur e seo a rud a chuireas crìoch ort fhèin no air rudeigin a tha thu a' dèanamh.
Bha Mòr NicLeòid à Brù, Leòdhas ag innse gun canadh i lùireach ri seann bhoireannach agus cuideachd gu faighear "lùireach mhà illeach" anns a' Bhìoball, a' ciallachadh "coat of mail ."
Ach nan canadh tu gu robh nighean lurach, bhiodh tu a' ciallachadh gu robh i brèagha anns a h-uile seagh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.