
B' e bainne blà th a chante ri bainne a bha air ùr bhleoghainn. Bhite a' suidheachadh a' bhainne ann am miasan agus ga fhà gail gus an tigeadh uachdar air.
Dh'ainmich Ceit bainne togalach, bainne milis, bainne gort, bainne tiugh agus bainne nòis, a' chiad bhainne a thigeadh bhon bhoin an dèidh dhith breith.
Bhiodh na seann daoine a' dèanamh cà is bainne nòis agus mulachag cà ise agus gruth. Airson ìm a dhèanamh bhiodh iad ri maistreadh. Bha an t-uachdar air a chuir ann an crannachan agus air obrachadh le loinid gus am biodh ìm ùr agus blà thach agad. Ma bha thu ag iarraidh ìm saillte dh'fheumadh tu salainn garbh a chuir na mheasg.
Dhèante fuarag le uachdar agus min-choirce.
Bhiodh iad a' feuchainn ri toirt air an ìm agus air a' chà ise seasamh fad a' gheamhraidh chun na h-ìre 's gum biodh iad uaireannan gan cuir air falach dha na cruachan-coirce gus a seasadh iad 's nach fhaigheadh iad thuca.
Cho Cheit NicAoidh, Borgh na Sgiotaig, an t-Eilean Sgiathanach
'S e tobhta a' bhuntà ta, no doc a' bhuntà ta, no bùthag ainmean eile airson sloc-bhuntà ta. Ged a b' e sloc a chante ris, ann an cuid a dh' à itichean, 's ann os cionn na talmhainn a bha an t-sloc-bhuntà ta air a dèanamh. Ach far an robh talamh gainmhich bha e cumanta gu leòr a bhith a' dèanamh toll mòr as an talamh agus a bhith a' cur a' bhuntà ta dhan toll sin. Bha e an uairsin air a chòmhdach le sgrathan agus ùir agus cha mhòr gu faiceadh tu gu robh e ann. Shùghadh uisge tron ghainmhich gun cron sam bith a dhèanamh air a' bhuntà ta.

Ach tric gu leòr chitheadh tu an t-sloc-bhuntà ta air a togail os cionn na talmhainn agus mas cuirte na sgrathan oirre bhite a' cur luachair no barran crìon buntà ta mar chòmhdach air a' bhuntà ta, mas cuirte sgrathan agus an uairsin ùir orra.
Bha Dòmhnall Ailig MacIlip à Beà rnaraigh, Na Hearadh, ag innse mar a bha an teaghlach a bha an ath dhoras dhaibh a' cur buntà ta ris an canadh iad "Bùthman."
Bha e ag rà dh gur e buntà ta caran geal-buidhe a bh' annta le craiceann caran pinc agus a rèir coltais bha e math ri ithe. Bha beachd aige gur dòcha gur ann à Èirinn a thà inig e.
Bha cuimhne aig Calum Laing à Alanais air athair a bhith bruidhinn air an dearbh sheòrsa bhuntà ta a bhith air a chuir ann an Uibhist a Tuath agus gu robhas a' smaointinn gur ann bho shoitheach a chaidh fodha as a' linn a chaidh seachad a thà inig iad. Bha Calum a' smaoineachadh gur e Bowman ainm an sgiobair agus gur ann à sin a thà inig Bùthman ged nach robh e buileach cinnteach mu sin.
Bha Iain MacIlleathain a' smaoineachadh gur dòcha gur e seo buntà ta ris an canar "Irish Champions "
Thà inig fios à Sgalpaigh a rà dh gu robh e coltach gum biodh a' bhana-bhuidseach a' bleoghainn a' chruidh bhon taobh cheà rr. Bha sin a' fà gail gu robh i a' faighinn a' bhainne dhith fhèin ach aig an aon à m a' toirt leatha an toradh bho chà ch.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.