
Nuair a bhiodh am buntà ta air a thogail 's e an fheannag as am biodh buntà ta na bliadhna an uiridh an t-atharnach. Ach bhiodh na seann daoine cuideachd a' bruidhinn air buntà ta atharnach.
Air cho inigil 's a bhiodh tu a' togail a' bhuntà ta dh'fhà gadh tu feadhainn as an talamh as do dhèidh. 'S nuair a thigeadh an ath earrach, agus a-mach tron ath shamhradh, mur a biodh cà il sam bith eile air a chuir as an talamh sin, chitheadh tu buntà ta a' nochdadh a siud agus a seo as an atharnach agus 's iad sin buntà ta atharnach.
Mas e atharnach an talamh as an robh am buntà ta mas deach an togail, 's e asbhuain a bha air fhà gail an dèidh an coirce a bhuain.
Dèan dealbh air a' choirce na sheasamh agus cearcan a' falbh a-measg a' choirce 's iad a' dèanamh seòrsa de neadachadh ann. Ri linn sin tha iad a' leagail pà irt dhen choirce agus ga chuir an ìre mhath na shìneadh.
Nuair a tha dhà no trì aca, 's iad a' suidhe 's a' laighe am measg a' choirce mar sin, 's e cnà mhag a chante ris a' choirce millte.
Nam biodh fìor dhroch shìde ann le tòrr gaoth rudeigin là idir, a leagadh an coirce air dhòigh is gum biodh pà irt dheth duilich a spealadh, chante cnà mhag ris a' choirce sin a bha na laighe.

Nuair a bhiodh talamh bà n airson ùine, fiù 's talamh glas, agus a thigeadh tu gu thionndadh no threabhadh, bhiodh tu an toiseach a' dèanamh treabhadh rudeigin curs air ach dh'fheumadh tu a dhol thairis air a-rithist, agus ma dh'fhaodte a chliathadh, airson an talamh a bhriseadh ceart.
'S e eilgheadh a chante ris a' chiad treabhadh a bha sin.
Nuair a bhite a' cur a' bhuntà ta anns na seann là ithean, bhite a' cur na sgealban no na slisean buntà ta agus a' tionndadh sin, agus an uairsin a' tionndadh sreath eile air muin sin gus am biodh rùm gu leòr eadar na sreathan buntà ta.
'S e dòigh eile a bha seo air buntà ta a chuir. Bhiodh iad a' cur a' bhuntà ta as an t-sreath ach cha bhiodh iad a' tionndadh an ath shreath idir. Bhiodh iad dìreach a' fà gail pìos talamh nach robh iad a' tionndadh idir eadar na sreathan.
Nuair a chitheadh tu an fheannag air a tionndadh 's air a cuir, chitheadh tu na sreathan dubha as am biodh am buntà ta agus chitheadh tu sreathan eile nach robh cho dorcha. 'S iadsan na cnà imhean glasa.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.