Nam biodh tu ag iasgach airson liughannan, no saoithein, no iasg dhen t-seòrsa sin, bhite a' cleachdadh slatan uabhasach fada ris an cante slatan-maoir. Bhiodh còrr air fichead troigh annta uaireannan, agus iad caol as a' bhà rr agus tric bhite gan gleidheadh air sparran na bà thaich. Dh'fheumadh iad a bhith fada airson gu ruigeadh iad an t-iasg a-mach bho na creagan 's na piorraichean bho am biodh iad a' creagach.
Bho Sheonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath
Bidh a' naosg, nuair a tha i ag èigheach, a' dol uabhasach fhèin à rd anns an adhar agus bidh i a' dèanamh fuaim le h-itean. Air sgath an fhuaim sin, 's e leunarag/lianarag a chanadh iad rithe.
Bho Sheonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath

"Aon fheasgar acrach rinn mi fhìn, Ailig Dan Sheòrais agus Murchadh Aonghais Mhurchaidh Ghilis reubadh chabhagach air lof aig Bùth Choinnich a' Bhà ird ann an Cros. Cha robh cà ch air a' chlas fada gun innse dhan tidsear, Chrissie Fenton, gu robh sinn a' goid agus fhuair sinne ar latha dubh.
Ach a bharrachd air a' sin, bha againn ris an lof a phà igheadh agus sgrìobhadh gu Aonghas Chaluim, am Bèicear, ag iarraidh maitheanais 's a' gealltainn nach dèanadh sinn an leithid gu brà th tuilleadh.
Duine sona, solt, a bh' ann an Aonghas Chaluim, 's bu bheag a bha dhùil aige gum biodh an dà tharger sin, mo mhà thair agus Mà iri Iain Mà iri Mhurchaidh a' feitheamh air an ath thrup a thigeadh e don bhaile againn.
"Cha chùm sinn fada thu Aonghais," arsa Mà iri, "Tha sinn dìreach ag iarraidh cnà mhaig na lof a stiall na balaich!"
Litir bho Thormod Caimbeul, Dail o Dheas, Leòdhas
Ann an seo tha cnà mhag a' ciallachadh an rud a bha an còrr.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.