'S ann de chèir a tha coinneal air a dèanamh, ach tha am facal air a chleachdadh ann an dòighean eile cuideachd.
B' e cèir a chante ri stuth dearg a bhathar a' cur air snaidhm air parsailean.
Bho Ealasaid Shutharlanach, Inbhirnis agus Ruaraidh MacNèill, Muile
Lorgadh tu cèir ann an giomach, no ann an crùbag, agus cuideachd ann an cluasan duine.
Bho Eardsaidh MacGillÃŒosa, Na Hearadh
An seo tha am facal nì a' ciallachadh crodh.
Bhiodh an rìgh no an t-uachdaran a' togail mà il bhon t-sluagh agus, anns na seann là ithean, tòrr dhen a' mhà l a bhite a' togail, cha b' e airgead a bhiodh ann, ach obair-latha bho dhaoine, agus rudan mar bainne is ìm is caise. Le sin, mur a biodh crodh ann, cha bhiodh mòran ann airson am mà l a thoirt dhan uachdaran no dhan rìgh.
Tha daoine anns a' bheatha a tha seo agus tha iad mar gum biodh a' sealltainn sìos air daoine eile air sgà th 's na tha aca. Ach aig a' cheann thall, 's e an aon deireadh a tha gu bhith aig a h-uile duine.
Ma nì thu rud is gu bheil fìor nà ire ort gun d'rinn thu e, tha e gu math duilich faighinn cuidhteas dhan nà ire sin. 'S dòcha nach bi cuimhne aig daoine eile air ach, an duine air a bheil nà ire, nuair a bhuaileas e air, 's dòcha gu bheil e cheart cho duilich dha agus a bha e an latha rinn e e. 'S e faireachdainn a tha buan a tha ann.
'S beag a tha dh'fhios agad dè a tha a' dol ann am beatha dhuine eile.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.