
Bha meug mar bu trice air a chleachdadh airson fuine bonnaich min-flùr. Cha robhas ga chuir dhan aran-choirce idir. Bha e cuideachd math air a phathadh agus, nuair a bhiodh daoine ri obair a-muigh, tric bheireadh iad leotha peile meug.
Bha blà thach cuideachd air a chleachdadh airson fuine, gu h-à raidh ma bhathas ag iarraidh gun èireadh an fhuine airson leithid pancakes. Ged a ghabhadh blà thach òl, cha sheasadh i cho fada ri meug. Thigeadh rud mar beirm innte agus dh'fhà sadh i geur.
'S na seann là ithean, cha robhas a' gleidheadh laogh mar a bite ag iarraidh bò a dhèanamh dheth. Can, ma bha bò a' fàs aosta 's gu feumte tè a chuir na h-à ite, nuair a thigeadh laogh boireann bhathas ga ghleidheadh. Ach an còrr, bhathas gam marbhadh, 's mathaid nuair a bhiodh iad mìos no mar sin.

Bhathas a' glanadh a-mach stamag an laoigh agus ga tionndadh, an taobh a-staigh a-muigh. Bhiodh i dìreach na poca beag agus bhathas an uairsin a' cur bainne ùr innte agus a' ceangal an fhosgladh a bh' innte le snà th geal is ga crochadh a-staigh as a' bhlà ths. Cha b' ann ri taobh an teine ach dìreach a-staigh far an robh na daoine a' còmhnaidh. Tro thìde dheigheadh e caran coltach ri cà ise.
Nuair a bhathas ag iarraidh bainne binid a dhèanamh, bha am bainne blà th mar a thigeadh e bhon a' bhò ga chur ann a' soitheach no bobhla agus bha iad a' toirt rud beag as a' bhinid a bha seo, dìreach mar gob spà in-teatha, agus ga chuir dhan a' bhobhla as an robh am bainne blà th 's ga chuir mun cuairt gu leaghadh a' rud a chuir iad ann. Bhathas an uairsin ga fhà gail airson cairteal na h-uarach no mar sin, 's bha e an uairsin na bhainne binid.
Bhite a' toirt a' bhainne binid seo do dhuine nach robh a' faireachdainn glè mhath 's nach fhuilingeadh biadh là idir. Bha e na b'fhasa a chnà mh nam bainne ionraic mar a dheigheadh a thoirt bhon a' bhò.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.