A' chiad chrodh a bha anns na h-eileanan, b' e crodh beag dubh a bh' annta agus tha e coltach gu robh iad rudeigin nà imhdeil. Ach bha iad cho luachmhor is gu feumte an cumail bho chèile mus tolladh an darna tè an tèile. Nuair a tha duine a' smaoineachadh air tolladh san t-suidheachadh seo, tha e buailteach a bhith a' smaoineachadh air adharc a' dol a-steach tro seiche na bà , ach cha b' e sin a bh' ann idir.
Bha an t-seiche aig mart gu math là idir agus 's e bha buailteach tachairt nach biodh toll as an t-seiche idir ach gum biodh toll agus briseadh air an taobh a-staigh, rud a dh'fhaodadh a bhith cunnartach a thaobh slà inte a' bheathaich.
Bho Mhòr Nicleòid, Bru, Leòdhas
Bha Coinneach Dòmhnallach, Ceann a' Bhà igh, Steòrnabhagh ag innse gur e an t-à m bu chunnartaich dhan ghobha nuair a bha e a' cruidheadh, an t-à m nuair a bha na tarraigean air an cur tron bhròig ach iad gun a bhith air am bristeadh dhith agus cas an eich an-à irde air sliasaid a' ghobha airson sin a dhèanamh. Na feuchadh an t-each a chas a thoirt air falbh, bha cunnart ann gu sracadh e craiceann sliasaid a' ghobha
An cuid a dh'à iteachan canar inneach ris an ola a gheibhear ann an clòimh. Tha e a' coimhead coltach ri fallas ruadh. Canar cuideachd "an dlùth san inneach" nuair a thathas a' bruidhinn air mar a tha clò no aodach air fhighe.
Tha ineach a' ciallachadh an aon rud ri ealag.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.